Scotlands History

Blàr Dhrochaid Shruighlea

B' e am plana a bh' aig arm Eideaird I, fo ùghdarras Iain de Warenne agus Ùisdean Cressingham, a dhol tarsainn air Abhainn Fhoirthe aig Sruighlea. B' i an drochaid chumhang fhiodha an t-àite bu shàbhailte airson a dhol tarsainn air an abhainn oir bha Abhainn Foirthe a' leudachadh a-mach chun ear agus bha boglaichean cunnartach Mhòinteach Fhlanndrais chun iar.

Bha Uilleam Ualas agus Anndra Moireach air Abaid Chreig, tuath air Sruighlea, a ruighinn ron arm Shasannach. Bho mhullach a' chnuic bha iad a' coimhead nam feachdan Sasannach - anns an robh ridirean, luchd-bogha agus saighdearan-coise à Sasainn, a' Chuimrigh agus Alba - ag ullachadh campa deas air an abhainn. Bha eadar 200 agus 300 de mharcshluagh agus 10,000 saighdear-coise anns an arm Shasannach an taca ri 36 de mharcshluagh agus 8000 saighdear-coise a bh' aig na h-Albannaich.

Thug Iain de Warenne òrdugh dhan arm Shasannach a dhol tarsainn air Drochaid Shruighlea an ath mhadainn ann an coinneimh nan Albannach. Aig briseadh an latha, thòisich na saighdearan-coise a' dol tarsainn air an drochaid ach bha Iain de Warenne fhathast na leabaidh ann an Caisteal Shruighlea. Nochd e caran fadalach agus thug e òrdugh dhaibh tilleadh.

Chaidh dithis mhanach Doiminiceanach a chur mar theachdairean airson cùmhnantan-gèillidh a rèiteach ri Ualas agus Moireach. Thuirt Ualas riutha gun athadh sam bith iad tilleadh gu Iain de Warenne agus -

Innsibh dhur ceannard nach ann airson sìth a dhèanamh a tha sinne an seo ach airson sabaid, sinn fhìn a dhìon, agus ar rìoghachd a shaoradh. Thigeadh iad air adhart, agus dearbhaidh sinne seo dhaibh an clàr an aodainn.

Ghairm Iain de Warenne Comhairle Cogaidh ach dhiùlt e comhairle an rìdire Albannaich Riseart Lundie, a thuirt ris, ‘Mo Thighearnan, ma thèid sinn air an drochaid bidh sinn cho marbh ri sgadan.’ Bhrosnaich Ùisdean de Cressingham Iarla Shurrey gus a dhol tarsainn agus crìoch sgiobalta a chur air na h-Albannaich. Le Ùisdean de Cressingham air an ceann thug marcshluagh throm Shasainn – ridirean agus marcshluagh armaichte – uairean a thìde a' dèanamh an slighe gu slaodach tarsainn air an drochaid fhiodha agus dh’fhuirich iad ann an lùib ann an Abhainn Fhoirthe. Bha Ualas agus Moireach a' toirt an aire dhaibh agus ag ullachadh an luchd-leanmhainn airson sabaid.

Ghabh na h-Albannaich an cothrom. Chuir Ualas agus Moireach an luchd-sleagha sìos airson ionnsaigh a dhèanamh. Gheàrr na h-Albannaich dheth an t-slighe air ais air an drochaid agus thug iad ionnsaigh air na ridirean, an luchd-saigheid agus na saighdearan-coise aig nach robh cothrom tionndadh. Bha na marc-ridirean ri dol fodha anns an talamh bhog agus bha arm Eideaird air am bruthadh air ais gu uisgeachan domhainn Abhainn Fhoirthe. An ceann uair a thìde bha na h-Albannaich air cur às do na Sasannaich a bha glaiste far an robh iad. Rinn cuid de na ridirean Sasannach a' chùis air an slighe a shabaid air ais tarsainn air an drochaid. Shnàmh beagan de shaighdearan-coise gu taobh deas na h-aibhne ach chaidh an còrr aca a ghearradh sìos.

Dh’òrdaich Iain de Warenne an drochaid fhiodha a chur na teine agus a gearradh sìos gus nach leanadh na h-Albannaich e agus e a' dèanamh ratreut gu Bearaig. Chaidh Ùisdean de Cressingham, Ionmhasair na h-Alba, fear air an robh gràin, a stialladh gu bàs leis na h-Albannaich. Tha e air a ràdh gun do chleachd Ualas cuid de a chraiceann airson crios a dhèanamh dhan chlaidheamh aige. Chaidh Anndra Moireach a dhroch leòn anns a’ bhlàr. Cha d' fhuair e seachad air seo agus chaochail e bho na leòintean an ceann dà mhìos.

Ghluais an ridire Albannach Riseart Lundie chun an taoibh eile an dèidh Blàr Dhrochaid Shruighlea agus thaobh e ri Ualas an aghaidh Eideird aig Blàr na h-Eaglaise Brice.


  • Blàr Dhrochaid Shruighlea - saighdear

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.