Scotlands History

Blàr na h-Eaglaise Brice

Bha ruaig an airm Shasannaich aig Drochaid Shruighlea air an dearg chuthach a chur air Eideard agus thug e air na h-uaislean Sasannach aonadh an aghaidh nan Albannach. As t-samhradh 1298, mheàrrs Rìgh Eideard gu tuath air ceann iomairt-cogaidh a bha sònraichte mòr. Thug e leis còrr air 1500 ridire agus marcshluagh armaichte agus còrr air 12,000 saighdear-coise eòlach. Bha inneal marbhtach ùr aig an arm aige cuideachd – am bogha-fada Sasannach – agus lìonmhorachd de luchd-bogha Sasannach agus Cuimreach.

Cha robh turas Eideird gu tuath furasta. Bha na h-Albannaich air poileasaidh ‘fearann fàs’ a chleachdadh; cha robh càil air fhàgail a dh’itheadh no a dh’òladh arm Eideird. Am measg nan ridirean aig Eideard bha Brian Le Jay, a bha uaireigin na Mhaighstir Teampallach ann am Balantrodach ann an Alba. Chaidh a chur an urra ri rian aiseag air ais an dèidh do na Cuimrich ceannairc a mhaoidheadh agus a dhol a shabaid ri saighdearan Sasannach.

An uair a fhuair Eideard fios gun robh na h-Albannaich air campachadh faisg air An Eaglais Bhric, threòraich e an t-arm aige gus a dhol nam bad. Bha fada a bharrachd ann dhiubhsan na bh' ann dhe na h-Albannaich agus cha robh am marcshluagh lìonmhor a bh’ acasan aig na h-Albannaich. Air madainn 22 Iuchar 1298 chaidh feachd Ualais ann an cruth ceithir sioltronan mòra agus sheas iad ris na Sasannaich. Eadar na sioltronan bha luchd-bogha Albannach fo stiùireadh Shir Iain Stiùbhart à Deadard. Dh’fhuirich buidheann beag de ridirean Albannach, marcaichean, fo stiùireadh Sir Iain Coimin, An Coimin Ruadh.

Tha e air aithris gu caithreamach gun do dh’èigh Ualas ri na feachdan aige, ‘Thug mi chun àrd-ùrlair sibh; nis dannsaibh mas aithne dhuibh.’

Dhiùlt na Cuimrich ionnsaigh a dhèanamh agus mar sin chuir Eideard dà bhuidheann de ridirean marcshluagh air adhart. Chaidh iad mun cuairt air na sioltronan agus thug iad ionnsaigh ach cha b' urrainn dhaibh briseadh tromhpa. Bha na ridirean a' tuiteam oir bha na h-eich aca air an lotadh le na sleaghan Albannach. Aig a' mhòmaid sin, nuair bu chòir dhaibh a bhith air pàirt a ghabhail san t-sabaid, thionndaidh na h-uaislean Albannach an eich agus mharcaich iad air falbh bho bhlàr a’ chatha.

Thionndaidh na ridirean Sasannach air luchd-bogha nan Albannach, gan gearradh sìos agus a' marbhadh a' cheannaird aca, Sir Iain Stiùbhart. Ghairm Eideard a mharcshluagh air ais agus thug e òrdugh dhan luchd-bogha aige a dhol an sàs. B' e armachd ùr agus mharbhtach a bha sa bhogha-fhada Shasannach; bha gob iarainn air na saigheadan agus dheigheadh iad tro mhàilleach agus tro armachd phadaichte. Bha na saigheadan a' frasadh air na h-Albannaich agus thòisich na sioltronan a' briseadh. Chuir Eideard na ridirean aige a-steach a chur crìoch air na h-Albannaich.

Rinn Uilleam Ualas a' chùis air teiche bhon chasgairt. Theich na h-Albannaich a b' urrainn le am beatha do na coilltean agus an t-arm aig Eideard a' sgoltadh sìos nan reubaltach. Chunnaic Eideard an ruaig ach cha b' urrainn an t-arm aige an iomairt a chumail an àirde leis cho acrach agus a bha iad agus nach robh iad air an uidheamachadh mar a dh’fheumadh iad.

Thuit an Teampallach Brian Le Jay aig An Eaglais Bhric; chaidh a shlaodadh bhon each agus a mharbhadh le saighdearan-coise Albannach. Am measg nan Albannach a chaidh a mharbhadh, bha Sir Iain de Greum, dlùth charaid do Ualas. Leig Ualas dheth a bhith na Neach-dìon goirid an dèidh mar a chaill iad aig An Eaglais Bhric.


  • Saighdearan a' deànamh deiseal airson sabaid

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.