English
Air 23 agus 24 Ògmhios bha Raibeart am Brusach agus Rìgh Eideard II mu choinneimh a chèile aig Allt a' Bhonnaich, faisg air Sruighlea.
Cha robh san arm Albannach ach trian den àireamh a bha mun coinneimh. Bha còrr is 2,000 ridire a bha eòlach air blàr aig Eideard far an robh 500 de eachraidh aig Brus. Far an robh 16,000 de shaighdearan-coise ann am feachd Eideird cha robh ach 6,000 de shaighdearan-coise Albannach mun coinneimh.
B' e seo a' chiad uair bhon Eaglais Bhric a chaidh rìgh Sasannach air ceann airm airson sabaid ann an Alba. Ann an 1298 bha Eideard Longshanks air arm Ualais a sgrios. Seo a-nis mac Eideird a’ marcachd dhan bhlàr.
Cha mhòr nach robh Brus air a h-uile rud a chall. Bha a bhean, a nighean agus a pheathraichean air a bhith nam prìosanaich ann an Sasainn fad sheachd bliadhna. Bha Brus air mòran a chall fhad 's a bha an iomairt a' dol. Bha a bhràithrean – Niall, Tòmas agus Alasdair – air an crochadh, air an sgoltadh agus an ceathramhachadh. A-nis, mu dheireadh thall, bha Brus aghaidh ri aghaidh ris an rìgh Shasannach.
Thagh na h-Albannaich an cuid fearainn gu faiceallach aig Allt a' Bhonnaich. Chleachd iad cruth nàdarrach an fhearainn gus dùbhlan a thoirt don bhagradh a bh' ann an eachraidh throm Eideaird dhaibh agus chladhaich iad slochdan beaga (no ‘poitean’) a bhiodh nan ribe dhan nàmhaid agus nan dìon do thaobhan am feachdan fhèin; rud a bheireadh air na Sasannaich a dhol a shabaid riutha còmhnard san aodann.
Bha a' chiad latha dhen bhlàr air Latha na Sàbaid agus bha na h-Albannaich aig Aifreann mus do thog iad an airm. Chaidh na h-Albannaich nan trì sioltronan mòra agus ghlèidh iad am fearann fhèin aig A' Phàirc Ùr. Bha Brus air each beag – ‘fàlaire’ – agus cha robh armachd aige ach tuagh-cogaidh. Chunnaic ridire Sasannach, Eanraig de Bohun, an rìgh Albannach agus thionndaidh e an t-each-cogaidh aige airson ionnsaigh a thoirt. Chaidh Bohun mar am peilear tarsainn air an àraich agus a shleagh a' cuimseachadh air Brus. Cha do charaich Brus ach dh’fhuirich e gus an robh an ridire Sasannach gu bhith aige agus an uair sin sheas e sna stiorapan, thug e a thuagh-cogaidh sìos le brag air Eanraig, agus sgoilt e a chlogaid agus a chlaigeann nan dà leth.
An ath mhadainn dh’èirich na h-Albannaich agus dh’ullaich iad airson cath a chur. B' e Latha Meadhan an t-Samhraidh a bh' ann, Latha Fhèill Eòin. Bha droch oidhche aig na Sasannaich agus bha iad ìosal nan inntinn. Gu tuaireapach, dh’òrdaich Eideard na feachdan aige a dhol tarsainn air an abhainn an ear air A' Phàirc Ùr. Fhad 's a bha arm Eideird a' feuchainn ri an slighe a dhèanamh tron bhoglach, chrom na h-Albannaich ann an cruth ùrnaigh. Chaidh iad nan sioltronan agus thug an luchd-sleagha Albannach màlaich air an eachraidh Shasannach.
Dh’òrdaich Brus do na h-Albannaich putadh air adhart agus sgiùrs coille de shleaghan arm Eideird an comhair an cùil air muin a chèile. An uair a dh’èigh na h-Albannaich ‘Cumaibh orra! Cumaibh orra! Tha iad a’ tuiteam!’, thog an luchd-leanmhainn campa aig Brus, daoine cumanta a bhiodh an urra ris an imrich, na h-airm agus rinn iad fhèin airson a dhol an sàs san t-sabaid. Shaoil na Sasannaich gur e feachd ùr Albannach a bha seo agus chaidh iad glan troimhe-chèile.
Bha a leithid de shluagh aca ann, eadar ridirean Sasannach, saighdearan-coise agus boghadairean-fada Cuimreach agus gun robh a' chùis marbhtach. Bha marc-ridirean a' strì ri teiche air ais tarsainn air an abhainn agus bha daoine a thuit air an cur fo na casan. Bhrùth na h-Albannaich arm Eideird air ais gu bruthaichean cas Allt a' Bhonnaich gus an robh an abhainn làn chuirp.
Theich Rìgh Eideard II bhon àraich. Thàrr e às gu Caisteal Dhùn Barra agus sheòl e a Shasainn. Thug na h-Albannaich ridirean Sasannach am bruid gus suaip a dhèanamh leotha airson prìosanaich Albannach. An dèidh buaidh Allt a' Bhonnaich, fhuair Brus air saorsa a rèiteach dha a bhean, Ealasaid, a nighean, Marsaili, agus a phiuthar, Màiri.
An dèidh dà latha de shabaid fhuilteach bha na mìltean sìnte air an àraich, marbh no ri bàsachadh. Bha e air aithris ‘gun robh Allt a’ Bhonnaich cho làn de fhir agus de eich agus gum faodadh daoine a dhol tarsainn air na cuirp bhàthte gun an cas a fhliuchadh.’
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri iomradh air mar a chaidh cuisean aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Bho Chronicle of Lanercost.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’, a’ sealltainn caochladh àitean far a bheil eachdraichean a’ smaoineachadh a thachair am blàr.
Ionnsaich mu Allt a’ Bhonnaich, fear de na blàir as cudromaiche an eachdraidh na h-Alba, le bhidiothan agus stòrasan a’ sealltainn ro-innleachdan cogail agus neart an airm aig Brus.
Seall ri criomagan bhidio mun bhlàr, cluinn pìosan bhon leabhar ainmeil aig Iain Barbour agus leugh an òraid a lìbhrig Brus do a shaighdearan gus an ionnsaich thu tuilleadh mu cho cudromach ’s a bha Allt a’ Bhonnaich.
Faigh a-mach tuilleadh mu na h-airm Shasannach is Albannach agus cò ris a bha iad coltach le sealltainn ri, agus sìos-luchdachadh, nan dealbhan seo co-cheangailte ri Allt a’ Bhonnaich.
Tha Pacaid Ionnsachaidh Urras Nàiseanta na h-Alba ag innse mu ghnìomhan do Sgoiltean aig làraich an Urrais Nàiseanta, agus Allt a’ Bhonnaich nam measg. Dèan sìos-luchdachadh air lethbhreac an-asgaidh an seo.
Dèan sìos-luchdachadh air foirm-subsadaidh siubhail bhon Urras Nàiseanta agus sàbhail suas ri 75% air turas sgoile gu Allt a’ Bhonnaich.
Find us on