Scotlands History

Iain Balliol (a bhàsaich 1314)

Thagh Eideard Iain Balliol gu bhith na Rìgh na h-Alba. Thàinig e chun rìgh-chathrach air Latha an Naoimh Anndrais 1292 agus bha e a' riaghladh gu 1296. Tha cuid de luchd-eachdraidh air a bhith a' reusanachadh gun thagh Eideard rìgh lag a dh’aon bhàgh gus am biodh smachd aige fhèin air ach, a rèir an lagha, b' e an tagradh aig Balliol bu treise; agus bha Eideard na eòlaiche air an lagh.

B' e Dervorgilla à Gall-Ghàidhealaibh a bu mhàthair do Iain Balliol. B' e a màthair-se Màiread, nighean le Daibhidh, Iarla Huntingdon, a bha na ogha do Rìgh na h-Alba, Daibhidh I. Stèidhich Dervorgilla Abaid Sweetheart faisg air Dùn Phris agus Colaiste Bhalliol ann an Àth an Daimh. Phòs Iain Balliol Isabella de Warenne, nighean le Iain de Warenne, Iarla Shurrey.

Bho fhìor-thoiseach a riaghlaidh, b' fheudar dha Balliol bòideachadh ùmhlachd agus tairiseachd a thoirt do Eideard I, mar neach a bha os a chionn agus mar uachdaran. Bheachdaich Eideard gum bu chòir dha na h-Albannaich sabaid a dhèanamh dhàsan an aghaidh nam Frangach. Bha Balliol ann an staing. Chaidh riaghaltas na h-Alba a chur an urra ri buidheann de dhusan de dhaoine urramach na rìoghachd: ceathrar easbaigean, ceathrar iarlan agus ceathrar bharain.

Rinn na h-Albannaich cùmhnant ris na Frangaich san Dàmhair 1295. Dh’aontaich iad taic a thoirt dha chèile nan tugadh na Sasannaich ionnsaigh orra. Fhuair an càirdeas seo eadar na Frangaich agus na h-Albannaich an t-ainm An Seann Chàirdeas’.

Ghabh Eideard an dearg chuthach. Chruinnich e arm agus dh’ullaich e airson a dhol a chogadh.


  • Sgillinn airgid a chaidh a dhèanamh eadar 1292 agus 1296

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.