Scotlands History

An Seann Chàirdeas

Stèidhich Alba agus an Fhraing dlùth chàirdeas ri chèile sna meadhan aoisean. Dh’aontaich iad taic a thoirt dha chèile an aghaidh ionnsaigh sam bith bho Shasainn.

Bha na h-Albannaich agus na Frangaich air a bhith ri malairt fad linntean. Bha an Rìgh Daibhidh I air teaghlaichean Normanach a thoirt a dh'Alba. Bhiodh clòimh bho chaoraich Albannach ga cur gu Flannrais agus bhiodh fìon às an Fhraing a' tighinn a-steach a Lìt.

Anns an Dàmhair 1295 dheasaich buidheann Albannach cùmhnant le na Frangaich ann am Paris. Fhuair an càirdeas seo eadar na Frangaich agus na h-Albannaich an t-ainm 'An Seann Chàirdeas'.

Dh’aontaich Rìgh na Frainge, ‘Philip the Fair’, ris a' chàirdeas seo. Chuireadh air dòigh gum pòsadh nighean a bhrathar, Jeanne de Valois, Eideard Balliol, mac Rìgh Iain Balliol, oighre rìgh-chathair na h-Alba. (Cha do thachair am pòsadh seo a-riamh.)

Bha Rìgh Nirribhidh, Eric II, athair Maighdeann Nirribhidh, cuideachd air a dhol ann an càirdeas le na Frangaich.

Anns na linntean ri teachd, dh’fhàsadh an Seann Chàirdeas na bu treise ach aig toiseach Cogaidhean na Saorsa cha tug e ach glè bheag de bhuannachd dha na h-Albannaich. Chuir e an dearg chuthach air Rìgh Shasainn, Eideard I. Chruinnich e arm agus dh’ullaich e airson cogadh ri Alba.


  • Florin òir Philippe IV

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.