English
B' e mac do Aonghas Mòr MacDhòmhnaill a bh' ann an Aonghas Òg (Aonghas mac Dhòmhnaill) agus bha e de shliochd Shomhairle. Bha Aonghas Òg na charaid dìleas agus na neach-taic do Raibeart Brus.
An uair a bha Brus agus an luchd-taic a fhuair às lem beatha a' sireadh fasgadh mun iar ann an 1306, thug Aonghas Òg Ìle comraich dha. An dèidh Blàr Mheadhanaidh agus mar a ghlacadh bean agus teaghlach a' Bhrusaich, thug Aonghas Òg agus Cairstìona nan Eilean fasgadh dha. An uair bu mhotha fheum, thairg Aonghas Òg càirdeas agus dìon do Bhrus.
Aig Blàr Allt a’ Bhonnaich, b' e Aonghas Òg a bh' air ceann feachdan nan eilean gus sabaid ri taobh a' Bhrusaich. Tha e air aithris gun do chuir Raibeart Brus fàilte bhlàth air Aonghas Òg agus gun tuirt e, ‘Tha mo dhòchas annadsa seasmhach’; agus thàinig sin gu bhith na fhacal-suaicheantais aig Clann Ràghnaill.
An uair a bha ridirean Eideird fo ionnsaigh an luchd-sleagha Albannaich, chaidh feachdan Aonghais Òig à Innse Gall a leigeil ma sgaoil gus ionnsaigh a thoirt air na sreathan Sasannach a bh' ann an staing. An dèidh Allt a' Bhonnaich, chuimhnich Brus air a charaid agus thug e tighearnas Loch Abair do Aonghas Òg.
Chaochail Aonghas Òg ann an 1330. Chaidh a thìodhlacadh ann an Ì Chaluim Chille.
Air leacan-uaighe bho na meadhan aoisean ann an taobh an iar na Gàidhealtachd, chì sinn dealbh mionaideach air an t-seòrsa armachd agus còmhdach a bhiodh air Aonghas Òg agus na feachdan aige. Tha lùireach mhàilleach, aodach-airm padaichte, clogaidean, sleaghan, sgiathan agus claidheamhan rim faicinn san obair-gràbhaidh sin.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri ‘Cath Garbhach’, pìos de cheòl-pìoba chaidh ath-chumadh airson a bhith air a chluich le aon neach air clàrsaich, no clàrsaich bhig. Chaidh am pìos seo fhoillseachadh san ochdamh linn deug ach faodaidh gu bheil e a’ dol air ais chun na còigeamh linne deug an uair a chaidh Cath Garbhach a chur.
Fhuair Aonghas Òg MacDhòmhnaill agus Raibeart Brus eòlas air a chèile mus do dh’fhàs fear seach fear dhiubh cumhachdach. Mar sin chuir cinneadh MhicDhòmhnaill taic ri Brus aig Allt a’ Bhonnaich ’s tha facail a’ Bhrusaich “Is daingeann mo Dhòchas annad” (“My hope is Constant in thee”) air an t-suaicheantas aca. Rannsaich eachdraidh Chloinn Raghnaill, am fearann ’s an ceannardan leis an artaigeal mhionaideach seo.
Find us on