English
Thog Anndra Moireach a’ bhratach ri gaoith agus chaidh e air ceann ar-a-mach an aghaidh Eideird I ann ann ear-thuath na h-Alba. Chaidh na feachdan aige fhèin agus aig Uilleam Ualas còmhla agus thug iad buaidh air feachdan Eideird aig Blàr Dhrochaid Shruighlea.
Ann an 1296 chaidh Anndra Moireach agus athair a ghlacadh le Eideard aig Blàr Dhùin Barra. Chaidh athair a chur gu Tùr Lunnainn agus chaochail e na phrìosanach. Chaidh Anndra a chur dhan prìosan ann an Caisteal Chester ach fhuair e ma sgaoil an ath bhliadhna agus thog e air gu tuath. Chaidh e tarsainn air a' chrìch agus thog e bratach athar ri gaoith aig Caisteal Abhaich san Eilean Dhubh; rud a bha cur an cèill gun robh ar-a-mach air tòiseachadh.
Aig tuath, bha Anndra Moireach air ceann feachd a dh’èirich an aghaidh riaghladh Eideird; agus bha Ualas air ceann feachd ann an Lannraig agus aig deas. Cha b' fhada gus an deach Alasdair Pilchie, saoranach à Inbhir Nis, còmhla ris a' Mhoireach. B' esan am fo-cheannard aige. Bha e air a ràdh gun robh am Moireach air ceann ‘buidheann mòr de rògairean’ ann an cogadh treubhail. Seo mar a sgrìobh an conastabal Sasannach aig Caisteal Urchardain gu Eideard, a' toirt rabhadh dha: ‘Tha cuid de dhaoine le rùn olc air taobhadh ri Anndra Moireach aig Caisteal Abhaich ann an Siorrachd Rois’.
Dh’fhairtlich air Moireach Caisteal Urchardain a ghlacadh; ach ghlac e Caistealan Inbhir Nis, Eilginn, Bhainbh agus Dhubhais agus e a' trusadh taic dhan ar-a-mach sa cheann a tuath. Ri tìde, thuit Caisteal Urchardain fhèin gu Mhoireach agus feachdan Eideird gan sgiùrsadh a-mach à Alba. Ann am beagan mhìosan choinnich Anndra Moireach ri Uilleam Ualas ann an Dùn Deagh agus stèidhich iad càirdeas le chèile. Bha Moireach mu 26 bliadhna a dh’aois.
Anns an t-Sultain, chaidh na feachdan aig Anndra Moireach agus aig Ualas còmhla agus dh’ullaich na h-Albannaich airson sabaid faisg air Sruighlea. Tha gu leòr dhen bheachd gur e Moireach a dheasaich plana a' bhatail, a' taghadh an fhearainn agus a’ sònrachadh mar a dheigheadh iad timcheall air cùisean. Air 11 Sultain choinnich na h-Albannaich ri arm Eideird a bha fo stiùireadh Iarla Shurrey agus Ùisdean de Cressingham. Thug na h-Albannaich buaidh mhòr a-mach aig Blàr Dhrochaid Shruighlea; ach chaill am Moireach a bheatha.
Chaidh Moireach a dhroch leòn anns a' bhatal, is dòcha le saighead. Chithear a sheula air dà litir a chaidh an sgrìobhadh air 11 Dàmhair agus 7 Samhain agus mar sin thathas den bheachd gun tug Moireach a bheatha às a' bhlàr ach gun do chaochail e an dèidh làimh leis na leòintean a dh’fhuiling e.
Chaidh an litir ainmeil Lübeck a chur gu àrd-mhaoir Lübeck agus Hamburg le Moireach agus Ualas – ‘Anndra Moireach agus Uilleam Ualas, ceannardan rìoghachd na h-Alba agus coimhearsnachd na rìoghachd’ bho Bhaile Adainn air 11 Dàmhair 1297. Air an dara litir, gu iar-abaid Hexham, bha na seulaichean aig ‘Anndra Moireach agus Uilleam Ualas, ceannardan an airm agus na rìoghachd ann an Alba’.
Sa gheamhradh sin, fhuair a' bhanntrach aig Uilleam Ualas leanabh mic. Thugadh Anndra mar ainm air a' ghille. Ri tìde, thàinig An Rìdire Anndra Moireach gu bhith na Fhear-dìon na h-Alba agus phòs e Cairstiona Bhrus, piuthar do Raibeart am Brus.
Ionnsaich tuilleadh mu bheatha Anndra De Moray, dian-shabaidiche saorsa tìr-ghràdhach, le cead bho ‘Avoch Heritage Association’.
Rannsaich an làrach-lìn mu phàirt Anndra De Moray ann an eachdraidh Alba agus Cogaidhean na Saorsa. Agus, lorg prògram de ghnìomhan airson Caisteal Ormonde ann an Abhach a ghleidheadh ’s a sgeadachadh.
Find us on