English
Le bàs nan Banrigh Ealasaid I thàinig mac Màiri Banrigh nan Albannach gu bhith na Righ air Sasainn. Seumas. Bha Seumas na Rìgh air Alba cheana. Bha e pòsta agus bha clann fhallain aige – oighrean a' chrùin. Gu cudromach, b' e rìgh Pròstanach a bh' ann an Seumas cuideachd.
Mharcaich Seumas a-mach à Dùn-Èideann air a' 4 Giblean 1603, ag innse do na h-Albannaich gun tilleadh e a h-uile dhà no thrì bhliadhnaichean. Cha thilleadh e a dh’Alba ach aon turas, ann an 1617, agus bha e a' riaghladh à Lunnainn fad 22 bhliadhna.
Air 11mh den Iuchar 1603 bha crùintean na h-Alba agus Shasainn air an aonadh fo Rìgh Seumas VI na h-Alba nuair a thàinig e gu bhith na Rìgh Seumas I Shasainn.
Ach bha ‘an t-aonadh coileanta’ a bha an Rìgh Seumas a' miannachadh fhathast fad às. Chùm Alba agus Sasainn na Pàrlamaidean aca fhèin, na laghan aca fhèin agus chùin am buinn airgid fhèin.
Ann an 1603 thàinig Seumas VI na h-Alba gu bhith na oighre air crùn Shasainn. Ionnsaich mar dh’atharraich aonadh nan crùn poilitigs Alba agus Shasainn.
Find us on