English
Ann an 1590 bha Seumas VI os cionn cùirt buidseachd.
Bha Seumas an lùib na cùirte seo gu pearsanta oir bha e den bheachd gu robh Frangan Stiùbhart, 5mh Morair Bothwell, air cuilbheart a dhèanamh le buidheann de bhana-bhuidsichean airson a sgrios a thoirt gu buil. Nuair a bha i a' seòladh a dh’Alba airson Seumas a phòsadh, bha trioblaid aig bàta Anna na Danmhairg agus chaidh Seumas ga saoradh. Nuair a bha iad a' tilleadh, theab am bàta a dhol thairis ann an cuantan stoirmeil. Bhathar ag ràdh gun thachair seo nuair a bha buidheann de bhana-bhuidsichean a' cruinneachadh air Faiche na Seann Eaglaise ann am Bearraig a Tuath.
Chuir aideachadh maighstir-sgoile à Prestonpans air an robh Iain Fian, às leth Bothwell gun robh e an sàs sa chùis. Bha seo gu leòr airson gun creideadh Seumas gu robh cuilbheart os-nàdarrach air a bhith ann airson stoirm èirigh airson bàs a thoirt air fhèin agus air an tè a bha e a' dol a phòsadh. A rèir coltais bha an Diabhal fhèin ag iarraidh bàs an Rìgh.
Chaidh aideachadh Fhian fhaighinn agus e air a chràdh. Nuair a bhathar an impis a mharbhadh, chaidh Iain Fian às àicheadh na thuirt e. Chaidh e às àicheadh gach nì a dh’aidich e, ag ràdh nach do dh’innis e na sgeulachdan ach air eagal a' chràidh. Cheasnaich an Rìgh Seumas gu pearsanta cuid de na fir agus na mnathan a bha fo chasaid. Sgrìobh e leabhar an dèidh sin mu dhraoidheachd, mu gheasachd agus mu bhuidseachd leis an ainm ‘Daemonologie’.
Neartaich a' chùirt fhìor ainmeil seo na faireachdainnean a bha ann an aghaidh bhana-buidsean agus bha i na meadhan air sgaoth de chùirtean ceudna air feadh Alba tron 16mh agus an 17mh linn. Chaidh cuir às leth co-dhiù 3,837 neach gu robh iad an sàs ann am buidseachd. Chaidh mòran dhiubh a chràdh agus chaidh suas ri 70% a chur gu bàs.
Thathar den bheachd gun sgrìobh Uilleam Shakespeare an dealbh-chluich ainmeil, ‘Macbeth’ nuair a thàinig Seumas gu bhith na Rìgh air Sasainn. Is e sgeulachd a tha innte de bhuidsichean, rìghrean Albannach agus cuilbheartan marbhtach.
Ionnsaich tuilleadh mu shealg bhana-bhuidsichean 's mu mar a leudaich ùidh an Rìgh Sheumais sa chuspair.
Bha cliù aig Arcaibh, ‘far am bu mhotha bha dànachd an Diabhail’, airson buidseachd rè riaghladh Sheumais VI. Faigh a-mach an seo carson.
Leugh an leabhar le Seumas VI agus I a tha a' bruidhinn mu bhuidseachd, dhraoidheachd, sheilbheachd, dheamhainnean, thàcharain, shìdhichean is thaibhsean.
Leugh cunntas oillteil mu phianadh 's mu mharbhadh an Dotair Fian, ìobairteach sealg-bhuidsichean an Rìgh Sheumais. Tha cunntasan soilleir de ìobairteachd air an duilleig-lìn seo.
Find us on