English
Air 27 Iuchar 1689, chaidh Blàr Choille Chnagaidh a shabaid eadar Seumasaich a bha dìleas don Rìgh Seumas VII agus II agus saighdearan a bha a' toirt taic don Rìgh Phròstanach Uilleam.
B' iad Gàidheil air an cruinneachadh leis a' cheann-cinnidh Camshronach Loch Iall, a' mhòr-chuid de na Seumasaich, agus iad air an treòrachadh Iain Greumach à Claverhouse, 'Dùn Deagh Bòidheach’.
Bha saighdearan an Riaghaltais, a bha dìleas don Rìgh Uilleam, fo threòrachadh an t-Seanaileir Ghàidhealach Ùisdean MacAoidh à Sgobharaidh. B' e Albannaich bhon Ghalldachd a bha sa mhòr-chuid de shaighdearan an Riaghaltais.
Choinnich na feachdan aig Cadha Choille Chnagaidh faisg air Caisteal Bhlàr Athaill. Bha suidheachadh làidir aig na Seumasaich air mullach cnuic agus dh’fhuirich iad gus an deach a' ghrian sìos air cùlaibh saighdearan an Riaghaltais mus tug iad ionnsaigh orra. Bhris an ionnsaigh Gàidhealach a-steach am meadhan loidhnichean an Riaghaltais agus lagaich saighdearan an t-Seanaileir MhicAoidh agus theich iad. An ceann beagan mhionaidean bha am blàr na ruaig.
Bhuannaich na Seumasaich am blàr, ach le call uabhasach – chaidh an treas cuid dhiubh a mharbhadh, nam measg Iain Greumach à Claverhouse ‘Dun Deagh Bòidheach’ a bh' air a leòn gu marbhtach nuair a thug na Seumasaich ionnsaigh. Bha Camshronach Loch Iall a' sabaid na chasan lomnochd ri taobh a dhaoine aig Blàr Choille Chnagaidh. Fhuair e tron bhlàr agus bha e beò gus an robh e 89.
Aig deireadh na cùise cha robh ciad ar-a-mach nan Seumasach, ‘Ar-a-mach Dhùn Deagh’, soirbheachail. Bha Iain Greumach à Claverhouse marbh, agus sgap na Seumasaich an dèidh do fheachdan an Riaghaltais a' chùis a dhèanamh orra aig Blàr Dhùn Chaillinn air 21 Lùnastal 1689.
Fiosrachadh mu Bhlàr Coille Chnagaidh ann a Gàidhlig air an làrach-lìn 'Gaelic Resource Database'.
Dealbh and fiosrachadh mu Bealach Choille Chnagaidh ann a Gàidhlig air an làrach-lìn aig Am Baile.
Fiosrachadh mu Cath Raon Ruairidh ann a Gàidhlig air an làrach-lìn aig Wikipedia.
Rannsaich dè thug làmh an uachdair do na reubaltaich Sheumasach agus sgrùd mion-phuingean bhlàr leis an artaigeal seo bho ‘BBC History’.
'S e bhith a' dìon raointean nam blàr an Alba pàirt de Phoileasaidh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba. Ionnsaich tuilleadh mu dheidhinn seo 's dè tha e a' ciallachadh do Choille Chnagaidh, leis an artaigeal naidheachd bho Alba Aosmhor. (Ann am Beurla).
Leugh pàirt den chunntas aig an t-Seanalair MacAoidh mun bhlàr mar cheannard air arm Alba.
Faigh a-mach mu nithean gaorrach agus lorg na seallaidhean àlainn aig Coille Chnagaidh. Cleachd an t-iùil seo bho Urras Nàiseanta na h-Alba airson do thuras ullachadh.
Find us on