Scotlands History

Na Seumasaich

Ann an 1660, an dèidh bàs Oilibheir Chrombail, ghabh na Rìoghalaich smachd air cùisean agus chaidh an Rìgh Teàrlach II a chur air ais air rìgh-cathair Shasainn. Bha Teàrlach a' riaghladh fhad 's a bha a' Phlàigh Mhòr a' sgrios Lunnainn an toiseach, agus an uairsin, ann an 1666, loisg Teine Mòr Lunnainn baile Lunnainn chun na talmhainn.

Deich bliadhna an dèidh sin, ann an 1676, dh’atharraich Seumas Diùc Iorc, bràthair Theàrlaich II gu bhith na Chaitligeach. Thàinig e gu bhith na Rìgh Seumas VII na h-Alba agus II Shasainn nuair a chaochail Teàrlach II ann an 1685. Bha oighre fireann aig an Rìgh Seumas VII agus II – Seumas Frangan Eideard Stiùbhart – ach thug Pròstanaich Shasann fiathachadh do mhac a pheathar, Prionnsa Uilleam Orains, a thighinn a Bhreatainn airson Pròstanachd a dhìon.

Theich Seumas don Fhraing le theaghlach, agus chaidh fiathachadh a thoirt don Phrionnsa Uilleam às an Òlaind an rìgh-cathair a ghabhail. Chaidh Uilleam agus Màiri (b' e nighean Sheumais VII agus II a bh' ann am Màiri) a chur air an rìgh-chathair mar an Rìgh agus Bhanrigh.

Bha mòran den bheachd gum b' e Seumas fhathast a bu chòir a bhith na rìgh. Thug iad ‘Na Seumasaich’ no ‘Jacobites’ orra fhèin oir is e ‘Jacobus’ an Laideann airson Seumas. Dheigheadh Albannaich a bha dìleas do Sheumas, a mhac, agus ogha, am Prionnsa Teàrlach Bòidheach’, a shabaid ann an sreath de ionnsaighean air taobh nan Stiùbhartach a bha air am fògradh.


  • dealbh de Seumas Frangan Eideard Stiùbhart
  • Bonn - Seumas VIII

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.