English
Ann an 1598 sheòl buidheann de uaislean Albannach gu Eilean Leòdhais le mun cuairt air 500 saighdear-duaise armaichte. Bha iad air aontachadh leis an Rìgh Seumas VI agus I gu ‘suidhicheadh iad poileasaidh agus sìobhaltas ann an Eilean Leòdhais a bha thuige seo cho fàs… airson an stòras luachmhor iongantach a bhuineadh don eilean a thoirt air adhart chum maith an t-sluaigh agus buannachd an Rìgh’.
Chaidh an ainmeachadh mar ‘na Fìobhaich’. Anns a' bhuidheann de 12 bha Seumas Spense à Wormiston, an Caiptean Uilleam Moireach, Pàdraig à Linndubh, agus Seumas Leirmont à Baile Chumaidh. Air an ceann bha Diùc Lennox, co-ogha an Rìgh Seumas.
Bha an Rìgh Seumas a' cur feum air airgead agus, an àite arm a chur a-mach airson na h-Eileanan a thoirt fo smachd, rinn e an àirde inntinn gum bu chòir dha leigeil do Daoine Uasal Eilean Leòdhais a shìobhaileadh agus gum faigheadh esan an uair sin màl agus cìsean bhuapa.
Thog na Fìobhaich tuineachadh far a bheil Steòrnabhagh an-diugh. Cha d' fhuair iad fàilte bhlàth bho na h-eileanaich. Chuir Clann MhicLeòid Leòdhais an aghaidh an luchd-ionnsaigh, a' sabaid cogadh cheatharnach an aghaidh am Fìobhaich agus an cuid dhaoine.
San Dùbhlachd 1598 bha aig Seumas Leirmont à Baile Cumaidh ri seòladh gu tìr-mòr airson lòn fhaighinn. Chaidh ionnsaigh a thoirt air an t-soitheach aige le Murchadh MacLeòid agus a dhaoine, a' seòladh ann am birlinnean (eathar beag às na h-Eileanan an Iar) agus ann an long fhada. Chaidh Baile Cumaidh a ghlacadh agus chaidh airgead-saoraidh iarraidh air a shon.
Sa Gheamhradh sin thug Niall MacLeòid agus a dhaoine ionnsaigh orra, a' losgadh an taighean, a' goid crodh, eich agus caoraich agus a' marbhadh còrr is 20 den daoine. An ath bhliadhna chaidh Niall a-mach air a bhràthair Murchadh agus ghluais e chun an taoibh eile, a' toirt taic do na Fìobhaich rè ùine. Chaidh Murchadh MacLeòid a ghlacadh, a thoirt gu Fiobha, fheuchainn ann an Cill Rìmhinn agus a chrochadh, a tharraing agus a ghearradh na cheithir phìosan.
Chaidh Niall MacLeòid chun an taoibh eile a-rithist, a' toirt ionnsaigh air na Fìobhaich, a' glacadh Sheumais Speans à Wormiston agus a' cur an tuineachaidh ann an Steòrnabhagh na theine. Dh’fheuch na Fìobhaich ri làmh an uachdair fhaighinn air Leòdhas trì turais ach cha do shoirbhich leotha. Mu dheireadh thall sguir iad a' feuchainn agus reic iad an còirichean ri MacCoinnich Chinn Tàile airson 100,000 marg. Chaidh Niall MacLeòid a ghlacadh, fheuchainn agus a chur gu bàs.
Ionnsaich mu adhbharan nan tursan gu Leòdhas agus mar a dhìon na Leòdaich an dachaigh.
Leugh cunntas mu Leòdhas agus na Leòdaich le Timothy Point, fear a rinn mòran mhapaichean 's a mhion-shònraich eileanan na h-Alba.
Faic ìomhaighean eachraidheil de Steòrnabhagh 's de Leòdhas agus faigh a-mach mar dh'atharraich an t-eilean rè nan linntean.
Find us on