Scotlands History

Guy Fawkes

Bha e an urra ri Guy ‘Guido’ Fawkes Cuilbheart an Fhùdair a thoirt gu buil. B' e Raibeart Catesby a bha os cionn na cuilbheirt ach bha aithne aig Fawkes air stuthan spreadhaidh agus bha eòlas cogail aige a' sabaid airson Rìoghachd Chaitligeach na Spàinn fad 10 bliadhna.

Mar shaighdear bha Fawkes air fàs sgileil le fùdar. Ann an 1605 cheangail e e fhèin ri luchd-foille Caitligeach an fhùdair ann am co-fheall airson an Rìgh Seumas VI agus I, na Morairean agus na h-Easbaigean a mharbhadh aig Fosgladh Stàiteil na Pàrlamaid air a' 5mh latha den t-Samhain.

Fhuair an luchd-foille seilear air mhàl sa chùil fo Thaigh nam Morairean. Rè iomadh mìos bha Fawkes a' càrnadh bharaillean de fhùdar san t-seilear. Ro 4 Samhain bha 36 barailean de fhùdar nan àite.

An dèidh fios fhaighinn, rannsaich na h-ùghdarrasan na Seilearan agus lorg iad Guy Fawkes. Chaidh a ghlacadh agus a chur an grèim. Thuirt e gum b' e ‘Iain MacIain’ ainm. Air 5 Samhain chaidh Fawkes a thoirt air beulaibh an Rìgh a dh’fheuch e ri mharbhadh. Cheasnaich Seumas Fawkes. Thuirt Fawkes ris an Rìgh Seumas gum b' e ‘bha nar rùn na h-Albannaich bhaigeireach a shèideadh air ais do na beanntan às an tàinig iad’.

Anns na làithean às dèidh sin chaidh Guy Fawkes a chràdh gu brùideil. Tha buadh a' chràidh soilleir bho ainm-sgrìobhaidh sgròbte air aideachadh sgrìobhte. Bha an Rìgh Seumas fhèin air òrdachadh:

The gentler tortours are to be first used unto him, et sic per gradus ad maiora tenditur, and so God speed your good work.
[The gentler tortures are to be first used upon him, and so by degrees proceeding to the worst, and so God speed your good work.]

Chaidh Fawkes a chràdh ann an Tùr Lunnainn. Chaidh fheuchainn ann an Talla Westminsteir – an dearbh thogalach a chuir e roimhe a sgrios – agus chaidh binn a thoirt seachad gum biodh e air a chrochadh, air a tharraing agus air a ghearradh na cheithir pìosan airson brathadh. Air 31mh Faoilleach 1606, chaidh Guy Fawkes a chur gu bàs. Rinn e a' chùis air leum bhon sgalan agus bhàsaich e tro chrochadh. Gach bliadhna, tha cruthan de Fawkes air an losgadh air teintean air 5 den Samhann.


 

  • dealbh de Guy Fawkes agus na daoine a bha an sàs ann an Cuilbheart an Fhùdair, 1605, le Crispijn van de Passe the Elder

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ri òrdughan an Rìgh Seumas airson ceasnachadh Guy Fawkes.