English
Bha Teàrlach I a' riaghladh bho 1625 gu 1649. Bha a riaghladh làn strì, gu mòr air sgàth 's gu robh e a’ feuchainn a-rithist agus a-rithist ri a thoil a bhruthadh air an dùthaich le làmhachas- làidir gun aire a thoirt do chomhairle na Pàrlamaid.
An dèidh ciad Cogdh Sìobhalta Shasainn bha a' Phàrlamaid an dùil gun gabhadh e rin tagraidhean airson monarcachd reachdail a stèidheachadh. Cha do thachair seo, agus air sgàth sin thachair dàrna cogadh sìobhalta. Chaill e a-rithist agus chaidh a chur an grèim. An turas seo chaidh fheuchainn agus fhaighinn ciontach de mhòr-bhrathadh.
Chaidh an rìgh a chur gu bàs ann an 1649. Chaidh a' mhonarcachd a chur à bith an uair sin agus chaidh poblachd air an robh Co-fhlaitheas Shasainn, na h-Alba agus na h-Èireann – no an Cromwellian Interregnum – a stèidheachadh. Sheas an co-fhlaitheas gus an deach a' mhonarcachd ath-stèidheachadh ann an 1660.
Ciamar a b' urrainn do dhùthaich a Rìgh a chur gu bàs? Lorg na bha air cùl àm air leth ann an eachdraidh Bhreatainn le artaigeal ann am ‘BBC History’ leis an Ollamh Anna Hughes.
Rannsaich cùirt agus bàs an Rìgh Teàrlaich I agus leugh pìosan de chunntasan cho-aimsireil mun chùirt.
Find us on