English
Chaidh turas de chòig shoithichean a chur air 14 Iuchar 1698 airson tìr-imrich Albannach a chruthachadh air Aoidh Phanama. Bhathar an dòchas gun cruthaicheadh tìr-imrich ‘New Caledonia’ no ‘Alba Nuadh’ malairt ris an Ear Chèin.
Thog Companaidh na h-Alba airgead-tasgaidh luach timcheall air a' chòigeamh cuid de bheartas na h-Alba – 400,000 not – airson Sgeama Dharien a phàigheadh. B' e mòr-chall ionmhasail uabhasach a bha san turas.
Bha an àrainneachd agus òrdughan bho thìrean-imrich Shasainn airson taic a chumail air ais (gus nach biodh oilbheum ann don Spàinn) nam meadhan air dìomhanas oidhirpean nan Albannach. Sgaoil fiabhras tron tìr-imrich agus cha do mhair beò ach mu chairteil den 1200 a thuinich ann an toiseach agus thill iad sin a dh’Alba.
Cha do ràinig naidheachd mun fhàilingeadh Alba luath gu leòr airson stad a chur air dàrna turas de chòrr is 1,000 neach bho shiubhal anns an Fhaoilleach 1699. De chòrr is 2,500 de luchd-tuineachaidh cha do mhair beò ach beagan cheudan.
Tha cuid den bheachd gun do dh’fhàg seo Alba a' faireachdainn nach b' urrainn dhi a' chùis a dhèanamh às aonais cuideachadh Shasainn, agus gun robh seo na mheadhan air Achd an Aonaidh ann an 1707.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Listen to an account of life in the Darien Colony by Roger Oswald.
Thòisich e mar sgeama ghlòr-mhiannach agus chrìochnaich e le sgrios airgid agus call beatha. Faigh a-mach dè dha-rìribh a thachair rè ionnsaigh Dharien leis an artaigeal mhionaideach seo bho ‘BBC History’.
Ann an 1931, thug Mgr Spencer à Glaschu cruinneachadh beag, ach cudromach, do Leabharlann Oilthigh Ghlaschu. Lorg an taghadh tearc seo de leabhraichean ’s de bhileagan mu Sgeama Dharien.
Leugh mu cho ‘màirnealach agus truagh’ 's a bha an turas gu Darien, le litrichean a dh’Alba bho fhear-siubhail, Alasdair Shields.
Find us on