English
Buidheann chràbhach ceangailte ri chèile le bhith a' cur an ainmean ri aontan (cùmhnantan), gu sònraichte Cùmhnant Nàiseanta 1638, gus an Leasachadh Pròstanach ann an Alba san 17mh linn a dhìon agus a chur air adhart.
B' ann ri Clèireachd bu mhotha a bha an gluasad ceangailte, 's bha seo ga chur an aghaidh a' Chrùin leis am b' fheàrr Easbaigeachd.
Mu dheireadh cheangail na Cùmhnantaich iad fhèin ri na Sasannaich sa chogadh shìobhalta an aghaidh Teàrlach I. Sgaoil iad bho chèile beag air bheag an dèidh dhaibh Blàr Dhùnbair a chall, an aghaidh Oilibhear Crombail, a bha air a bhith na charaid dhaibh roimhe.
Ionnsaich mu luchd-taice a' Mhòr-chruinneachaidh agus mar a ghlèidh Alba a saorsa a thaobh cràbhachd. Cluich air ceisteachan mar dheuchainn air d' eòlas mun àm.
Find us on