English
B' e taigh beag traidiseanta air a thogail de chloich a bh' ann an taigh-dubh. B' ann air Gàidhealtachd agus ann an Eileanan na h-Alba a bu trice a chithear e.
Sa chumantas b' e structar a bh' ann le balla cloiche dùbailte, tarsannan fiodha, làr de thalamh chruaidh agus mullach tughaidh air a dhèanamh le sgrathan agus connlach. Cha robh similear ann idir. Bha an taigh-dubh na dhachaigh an dà chuid do dhaoine agus don sprèidh.
Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm. Tha cuid den bheachd nach eil ann an ‘dubh’ ach coimeas ris na taighean ‘geala’ a thigeadh às an dèidh, agus tha cuid eile den bheachd gu bheil fuaim an fhacail ‘dubh’ agus an fhacail ‘tugh’ uabhasach coltach ri chèile, agus gun deach a' bhrìgh cheart a chall san eadar-theangachadh.
Faic dealbhan de thaigh-dubh cumanta agus ionnsaich dè bha iad a’ riochdachadh ann an cultar na h-Alba.
Tha Taigh-tasgaidh Taigh-dubh Arnoil aig Air. 42 Arnol ann an taobh an iar Leòdhais. Faic dealbh agus faigh am barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Am Baile.
Rannsaich taigh-dubh traidiseanta agus ionnsaich mu bheatha làitheil a' Ghàidheil.
Faigh a-mach tuilleadh mu mar a bhiodh Gàidheil a' togail an taighean, a' còcaireachd am biadh agus an t-aodach a bhiodh orra le tadhal air an ‘Highland Folk Museum’. Le fiosrachadh do sgoiltean a bhios a' tadhal 's le gnìomhan foghlaim.
Faic dealbhan de thaigh-dubh aig Arnol agus ionnsaich tuilleadh mun taigh thraidiseanta sna h-Eileanan Siar.
Find us on