English
Cha do chòrd e ro mhath ri na h-Albannaich nuair a phòs Màiri Banrigh na h-Alba Eideard VI Shasainn. Chuir iad an aghaidh tagraidhean Cùmhnantan Ghreenwich. Dh’fhaodadh gur e gu robh Eanraig VIII ag ràdh gu feumadh na h-Albannaich an t-seann Chòrdadh leis an Fhraing a bhriseadh a thug cùisean gu ceann. Bhris Pàrlamaid Alba an cùmhnant agus an gealladh-pòsaidh, goirid às dèidh dhan naoidhean Màiri a bhith air a gairm mar Bhanrigh na h-Alba.
Bha na dh'òrdaich Eanraig sìmplidh agus uabhasach eagalach - "Cuiribh na h-uile nan teine agus fon chlaidheamh!"
...Cuiribh na h-uile nan teine agus fon chlaidheamh, loisgibh baile Dhùn Èidinn, cho leagta gu làr agus cho mòr air a sgrios air dhuibh fhalamhachadh agus a h-uile càil is urrainn dhuibh fhaighinn às, 's gum bi cuimhne gu bràth air dìoghaltas Dhè a' laighe orra airson am breugan agus am mì-dhìlseachd.
Dèanaibh nas urrainn dhuibh leis an làimh... airson an caisteal a bhriseadh sìos agus a chur thairis, falamhaichibh taigh an Ròid, agus nas urrainn dhuibh de bhailtean mòra is beaga mu thimcheall Dhùn Èidinn, mar a bhios e nur comas, falamhaichibh Lìte agus loisgibh agus cuiribh thairis e agus gach nì eile, a’ cur fear is tè is leanabh nan teine agus fon chlaidheamh gun duine fhàgail, far an cuirear nur n-aghaidh ann an dòigh sam bith...
…gabhaibh a-null gu Fiobha agus leudaichibh na millidhean gun chrìch sin anns gach baile mòr is beag.
Chuir Eanraig V Iarla Hereford gu tuath. Chuir na feachdan aige bailtean Albannach, Dunbar agus Lìte nam measg, nan teine. Thairis air an dà bhliadhna a lean chuir feachdan Eanraig eagal uabhasach air na h-Albannaich. Dh’fheuch cuid de chinnidhean nan Crìochan iad fhèin aonadh ri Eanraig ann an oidhirp iad fhèin a dhìon. Aig Blàr Mòinteach Ancrum nuair a chuir na h-Albannaich ruaig air feachd Eanraig, chaidh luchd nan Crìochan bho aon taobh chun an taoibh eile letheach tron bhlàr agus thug iad ionnsaigh orrasan a b' abhaist a bhith air an taobh.
Chaochail Eanraig VIII san Fhaoilleach 1547 ach lean a mhac Eduard VI air le claoidheadh na h-Alba. Air an 10mh là den t- Sultain 1547 dh’fhuiling na h-Albannaich call uabhasach aig Blàr Pinkie Cleugh - air a chur faisg air Baile na Maoraich an Lodainn an Ear. Chaidh losgadh orra le Sasannaich nam boghan fada, le gunnachan agus le ionnsaigh mhòr bho bhàtaichean nèibhi Sasannach a bha air acair a-mach bhon chladach.
B' e Disathairne Dubh an t-ainm a thug na h-Albannaich air.
An àite gèilleadh, chuir Marie de Guise an nighean òg aice Màiri gu sàbhailteachd dhan Fhraing far am pòsadh i an Dauphin Francis, mac Rìgh Eanraig II na Frainge.
Tha a’ chriomag bhidio seo bho ‘BBC Learning Zone’ ag innse mar a dh’fheuch Eanraig VIII ri toirt air na h-Albannaich cead a thoirt do Mhàiri Banrigh na h-Alba Prionnsa Eideard Shasainn a phòsadh.
Lorg prìomh nithean mun bhlàr mòr mu dheireadh eadar Alba is Sasainn. Rannsaich eachdraidh an àite, seall ri mapa a dh’innseas far a bheil e agus sìos-luchdaich teacsa fheumail le cead bho ‘UK Battlefields Resource Centre’.
Obraich tro phrìomh thachartasan beatha is riaghladh Màiri Banrigh na h-Alba agus deasaich sgilean deuchainn leis an stòras eadar-oibre seo bho ‘BBC Education’.
Seall ri criomagan bhidio bhon BhBC ag innse mun t-suirghe gharbh air Màiri Banrigh na h-Alba agus faigh a-mach tuilleadh mun Ath-leasachadh a rinn sgaradh an Alba fhad ’s a bha i a’ riaghladh.
Rannsaich Taisbeanadh Air-loidhne mu bheatha ’s mu linn Eanraig VIII le cead bho Leabharlann Bhreatainn. Seall ri criomagan bhidio, leugh pàipearan eachdraidheil cudromach agus lorg ceangalan eadar-oibre.
Tha Daibhidh Pilling ag ath-bheothachadh ‘Disathairne Dubh’, call cogail cho mòr ’s a dh’fhuiling Alba sa phàipear mhionaideach seo.
Find us on