English
Bha beachdan Mhàrtainn Luther a chaidh an clò-bhualadh an toiseach an 1518 air atharrachadh fad-bhuadhach a bhrosnachadh air feadh na Roinn Eòrpa bhon chreidimh Chaitligich chun a' chreidimh Phròstanaich. Air an 3mh là den Dàmhair 1517 chroch Luther na 95 Theses aige air tarrang air doras eaglais a'chaisteil an Wittenberg sa Ghearmailt. Mhìnich e mar a bha pearsachan eaglais Caitligeach air mì-fheum a dhèanamh de chumhachd agus thuirt e gum bu chòir dhan Eaglais Chaitligich a bhith air a h-ath-leasachadh. Bha buaidh mòran na bu doimhne na sin aig a chuid bheachdan.
B' e Pàdraig Hamilton a' chiad mhartarach Pròstanach ann an 1528. Chaidh a losgadh air a cheangal ri posta airson saobh-chreideamh air an t-sràid air taobh a-muigh Colaiste Naoimh Shalbhador Oilthigh Chille Rìmhinn. B' e na facail mu dheireadh a labhair e, "A Thighearn' Iosa gabh ri mo spiorad".
An 1546 chuir an Càirdeanail Caitligeach Peutanach Seòras Uiseart, fear-leasachaidh agus searmonaiche Pròstanach, an grèim; chaidh fheuchainn agus a chur na theine ceangailte ri posta. Chaidh caraidean 's luchd-taice Uiseirt air an casan airson gun dèanadh iad dìoghaltas. Sa mhadainn air an 28mh là den Chèitean 1546 fhuair buidheann de chuilbheartaich a-steach do chaisteal a' Chàirdeanail Peutanaich aig Cille Rìmhinn. Fhuair iad smachd air a' chasteal agus chuir iad am Peutanach gu bàs. Sheall iad a chorp dhan t-sluagh a bha air cruinneachadh aig ballachan a' chaisteil.
Chuir Marie de Guise a dh'iarraidh cabhlach Fhrangach a ghlas na cuilbheartaich aig caisteal Chille Rìmhinn. Chaidh an glacadh 's rinneadh tràillean dhiubh air longan-cogaidh Frangach. Bha Iain Knox am measg nam Pròstanach a bha air an èigneachadh gu bhith ag iomradh sa birlinn Fhrangaich. An dèidh làimhe sgrìobh e mu mar a chaidh an Càirdeanail Peutanach a mhurt 's chuimhnich e air a' birlinn ag ràdh, "Chan e seo an t- àm airson a bhith ag ìnnse cho fada 's a bha mi nam phrìosanach, dè na h-àmhghairean dh'fhuiling mi sa bhirlinn agus dè na h-osnaidhean a bha na mo chridhe".
Sa chriomag bhidio seo bho ‘BBC Learning Zone’ tha geàrr-chunntas air nithean a thug mun cuairt Ath-leasachadh na h-Eaglaise ann an Alba.
Faigh a-mach cò ris a bha e coltach do Bhanrigh Chaitligeach a bhith a’ riaghladh dùthaich a bha a’ fàs Pròstanach, le na stòrasan seo bho ‘BBC History’.
Rannsaich eachdraidh Pròstanachd agus ath-leasachadh Albannach le stòrasan ‘BBC History’.
Ionnsaich mar a mheudaich Ath-leasachadh Pròstanach san Roinn Eòrpa le ‘Metropolitan Museum of Art’. Rannsaich ìomhaighean de obair-ealain an ama, agus ionnsaich tuilleadh mu na prìomh dhaoine a bha an sàs.
Find us on