English
Air an 9mh là den Ghearran 1567, chaidh taighean-aoigheachd a' Phròbhaist aig Kirk o' Field far an robh am Morair Darnley a' fuireach a mhilleadh le sprèadhadh fìor mhòr. Lorgadh corp Darnley ann an gàrradh faisg air làimh an ath mhadainn. Bha e 21 bliadhna dh'aois.
Cha robh Darnley gu math - bha e air a' bhreac a ghlacadh neo, nas coltaiche na sin, syphilis. Bha e air a bhith dol am feabhas an Glaschu, a' fuireach ann an taigh beag faisg air a' Chathair-eaglais. Bha Màiri air tadhal air, a' fuireach ann an Tighearnais a' Phròbhaist. Aig toiseach a' Ghearrain chaidh Darnley a thoirt a Dhùn Èideann agus fhuair e àite air aoigheachd ann an seòmraichean shuas an staidhre an seann taigh a' Phròbhaist aig Kirk o' Field air iomall a' bhaile.
Chaidh cuilbheart a chur air chois gus Darnley a mhurt. Os ìosal chaidh na seilearan fo na seòmraichean aige a lìonadh le pùdar-ghunnachan. Air feasgar a' mhuirt, mharcaich Màiri 's na bha ga leanntainn airson a dhol a thadhal air Darnley. Bha i air a bhith aig banais aon de a mnathan-frithealaidh na bu tràithe san là agus thill i an ùine ghoirid gu Taigh an Ròid airson a bhith aig cuirm-chiùil airson a' bhanais a chomharrachadh.
Aig dà uair sa mhadainn reub sprèadhadh mòr tron taigh aig Kirk o' Field. Chualas e air feadh Dhùn Èidinn agus shaoilist gur e aoighean Taigh an Ròid a bha a' losgadh nan gunnachan-mòra. Chaidh na cuirp aig Darnley agus a shearbhant Mac an Tàillear a lorg nan lèintean-oidhche. Cha robh iad air losgadh no dochann sam bi fhulang agus gun dàil bha e air a ràdh gun deach an tachdadh no am mùchadh.
Chaidh a ràdh gu math tric gur e muirt a' Mhorair Darley “aon de nithean dìomhair mòra eachdraidh na h-Alba”. Aig an àm, agus gun dàil bha Seumas Hepburn, an 4mh Iarla Bothwell fo amharas. Chaidh a chur às leth Màiri an dèidh làimhe gu robh ise na pàirt den chuilbheart airson a cèile a mhurt. Nochd sanasan le comharraidhean Bhothwell agus le deilbh de Mhàiri mar mhaighdean-mhara (samhla air siùrsach) ann an Dùn Èideann.
Cò a mharbh ‘an t-amadan misgeil’ neo-ionmhainn, an t-Iarla Darnley? An robh gnothach aig Màiri ‘a’ mhaighdeann-mhara’ da-rìribh ris a’ chùis?
Find us on