Scotlands History

Màiri a’ tilleadh a dh’Alba

Nuair a chaochail a cèile gràdhach Rìgh Francis II na Frainge, sheòl Màiri a dh’Alba ann an 1561. Sheòl i ann an long gheal 's i air a còmhdach ann an aodach-caoidh dubh.

Ràinig i Lìte air an 19mh là den Lùnastal 1561. Bha an long aice air a bhith gu math luath agus air ruighinn tràth, 's mar sin cha robh daoine aig a' chidhe airson fàilte a chur oirre. Còmhla rithe bha an ceathrar Mhàiri agus triùir bhràithrean-pàrant de Thaigh Ghuise. 

An dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail ann an Lìte rinn Màiri 's na bha còmhla rithe an slighe gu Lùchairt Taigh na Ròid. Air a slighe an sin bha mòran dhaoine nan sreath ri taobh nan sràidean 's iad aoibhneach 's a' gabhail iongantas, gach neach a' feuchainn ri sealladh fhaighinn den Bhanrigh. An oidhche sin chaidh teintean a lasadh a-muigh ann an Dùn Èideann agus chluich luchd-ciùil fuinn fo uinneag na Banrigh.

Chaidh gunnachan a losgadh aig a' chaisteal airson teachd oifigeil Mhàiri a Dhùn Èideann a chomharrachadh. Fhad 's a bha sluagh a' lìonadh nan sràidean mharcaich ise sìos na Mìle Rìoghail far na choinnich i ri luchd-cleasachd, cairtean-cluiche agus seallaidhean thaighean-dhealbh.

Air àite àrd air an robh bogha fiodha, "dathte le dathan grinn" sheinn còisir dhi - "seinn agus clann bheaga shònraichte le cumadh nèamhaidh". Air uachdar sgòth seallaidh fon àite àrd bha "aon leanabh àlainn."

Nuair a bha a' bhanrigh urramach a' tighinn tron phort sin, dh’fhosgail an sgòth, agus thàinig an leanabh a-nuas mar gum b' e aon aingeal a bh' ann, agus thug e dhan tè urramach iuchraichean a’'bhaile, còmhla ri aon Bhìoball, agus aona Leabhar Sailm a bha còmhdaichte le meileabhaid purpaidh. 

Domestic Annals na h-Alba - Raibeart Chalmers a' cleachdadh bhriathran Iain Knox

Aig an Nether Bow (far a bheil Ionad Aithris Sgeulachdan na h-Alba an-diugh) bha sgalan air an robh "aona dhràgon". An dèidh beagan òraidean chaidh pupaid an dràgoin mhòir a chuir na theine.

A dh’aindeoin na bha de ghreadhnachas a' comharachadh Mhàiri a' tilleadh a dh’Alba b' fhèudar dhi coinneachadh ri suidheachadh poilitigeach a bha caochlaideach agus glè chunnartach. Bha a dìlseachd dhan chreideamh Chaitligeach a' ciallachadh gun robh daoine a' coimhead oirre le amharas agus le nàimhdeas. Nuair a chùm Màiri Aifreann Chaitligeach an toiseach an Taigh na Ròid b' ann airson cur na h-aghaidh a nochd daoine nam buidhnean mòra.


  • dealbh de seann lìtir Rìoghail bho Màiri Banrigh na h-Alba

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.