English
An dèidh dhan chiad bean Fhrangach aige (Madeleine à Bhalois) bàsachadh, rinn Seumas V suas inntinn pòsadh an dàrna uair airson an t-Seann Aonadh a dhaingneachadh. Roghnaich e Marie de Guise - banntrach aig an robh dithis mhac bho phòsadh a bha air a bhith goirid ach sona.
Fhad 's a bha Seumas V a' dèanamh na dh'fheumadh e airson làmh Mharie fhaotainn bha aige ri cur suas ri farpais bho bhràthair a mhàthar, Eanraig VIII Shasainn. Bha Eanraig a' coimhead airson bean eile - bha e air sgaradh bhon chiad bhean, Catrìona Aragoin, bha e air an ceann a thoirt bho dhàrna bean, Anna Boleyne, agus bha an treas bean Sìne Seymour air bàsachadh dìreach an dèidh dhi leanabh a bhith aice.
Bha na bha de phòsaidhean a bha air fàilneachadh aig Eanraig mar adhbhar air gun dhiùlt athair Marie e agus gun ghabh e ri Seumas. Cha robh Marie de Guise an toiseach deònach ach ghèill i nuair a sgrìobh Seumas thuice gu pearsanta.
Bha dithis mhac, a bhàsaich, aig Marie agus aig Seumas, agus aon nighean, Màiri I (Màiri Banrigh na h-Alba). Chaidh Marie de Guise a shuidheachadh mar thàinistear ann an 1554, a' gabhail a-null bho Sheumas Hamilton, Dàrna Iarla Arainn.
B' e Caitligeach a bha ann am Marie de Guise. Bha mar a bha Pròstanaich na h-Alba Alba a' fàs na chunnart do a h-inbhe. Nuair a dh'iarr i air a teaghlach san Fhraing a cuideachadh bha seo air fhaicinn mar dhearbhadh nach robh i dìleas do dh'Alba. Chaidh a cur às a dreuchd mar thàinistear ann an 1559.
Às dèidh do Alba blàr eile a chall, bha Àrd-mhanachainn Inchmahome na ionad tèarainte do Mhàiri à Guise ’s do a nighinn òig. Ionnsaich tuilleadh mu a làraich agus ullaich do chuairt leis an iùil Alba Aosmhor seo.
Rannsaich beatha Màiri à Guise le Pròiseact ‘Luminarium's Encyclopaedia’. Faigh a-mach mu a bliadhnaichean san Fhraing mus do phòs i agus mu a h-àm na Banrigh às dèidh bàs an Rìgh Seumas V.
Find us on