Scotlands History

Uachdarain a' Choitheanail

Sa gheamhradh 1557 choinnich buidheann beag de dh’uaislean na h-Alba an Dùn Èideann. Chuir iad an ainmean ris "A' Chiad Bhann den Choitheanal Phròstanach an Alba", a' bòideachadh gun cruthaicheadh iad Alba Phròstanach "airson facal ro-bheannaichte Dhè a dhaingneachadh". B' ann mar Uachdarain Coitheanal Chrìosda thàinig iad gu bhith air an aithneachadh.

An toiseach chuir Marie de Guise suas le na Pròstanaich ach sa Chèitean 1559 an dèidh ionnsaigh fhòirneartach air eaglaisean ann am Peairt - fo bhuaidh searmoin theth bho Iain Knox - chuir i arm ri chèile.

Chuir Uachdarain a' Choitheanail feachd ri chèile air an robh an t-ainm "Armailt a’ Choitheanail" agus fhuair iad sealbh air Peairt. Sguir Marie de Guise de bhith a’ strìth, a' tarraing air ais gu Dunbar agus a' cur a dh'iarraidh taic bhon Fhraing.

Dh'imich Armailt a' Choitheanail air adhart gu Dùn Èideann a' toirt ionnsaigh air eaglaisean air an t- slighe. Thionndaidh Uachdarain a' Choitheanail gu Ealasaid I, Banrigh Phròstanach Shasainn airson cuideachadh. Thàinig Lìte gu bhith na bhlàr-cogaidh ’s bàtaichean Sasannach a' glasadh shaighdearan Marie de Guise far an robh iad.

Air an 11mh là den Ògmhios 1560 thuit Marie de Guise marbh le meud-bhronn. Chaidh a corp spìosraichte a chur ann an ciste luaidhe an Eaglais Naoimh Mhaireid an Caisteal Dhùn Èidinn. Chaidh ainmean a chur ri aonta-sìthe an ath mhìos agus dh’fhàg na saighdearan Sasannach agus Frangach Alba. Chaidh corp Marie de Guise a thoirt dhan Fhraing airson a bhith air a tìodhlaiceadh ann an Reims.

San Lùnastal 1560, ghairm Uachdarain a' Choitheanail Pàrlamaid - a bha air a h-ainmeachadh mar ‘Pàrlamaid an Ath-leasachaidh’ – 's bhris iad gach ceangal foirmeil ris a' Phàpa. Chaidh Aifreann Caitligeach a thoirmeasg an Alba. Thàining Alba gu bhith na dùthaich Phròstanach.


  • Dealbh de uinneagan ann an àrd-eaglais St Giles Cathedral, Dùn Èideann

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.