English
An dèidh dhi i fhèin a stèidheachadh an Alba thòisich Màiri òg a' dèanamh a dleastanais a bha doirbh agus cudromach, cèile a lorg agus oighre fhaotainn dhan rìgh-chathair. Bha an roghainn a rinn i gu bhith na chall mòr.
Chaidh grunnan dhaoine ainmeachadh a bha air am meas freagarrach. B' e Don Carlos na Spàinn aon ris am faodadh i gabhail - a dh'aindeoin gum biodh pòsadh Caitligeach rìoghail eadar Alba 's an Spàinn air nàmhaid a dhèanamh de Ealasaid I Shasainn agus air buaireadh adhbharachadh am measg Luchd Ath-leasachaidh na h-Alba.
Chuir Ealasaid fa comhair gum bu chòir dhi Raibeart Dudley a phòsadh. Cha tug Màiri fada a' tionndadh Dudley sìos. ’S e Pròstanach a bh' ann a bha fo amharas gun mhurt e a bhean agus bha fathann ann gun robh e air a bhith na leannan aig a' Bhanrigh Ealasaid.
Nuair a nochd Eanraig Stiùbhartach, am Morair Darnley, aig cùirt an Dùn Èideann bha e coltach gun robh Màiri air fear a bha freagarrach dhi a choinneachadh. Bha Darnley òg agus eireachdail. Bha e a cheart cho dèidheil ri Màiri air sealgaireachd, dannsa agus ceòl. Bha Darnley agus Màiri nan co-oghaichean aig Màiri Tudor agus bhuineadh e do theaghlach glòir-mhiannach de dh' uaislean Shasainn. Gu cudromach bhiodh pòsadh ri Darnley air còir Mhàiri agus an cuid chloinne air rìgh-chathair Shasainn a neartachadh.
Air Didòmhnaich an 29mh là den Iuchair 1565 phòs Màiri Banrigh na h-Alba agus am Morair Darnley an Eaglais Rìoghail Lùchairt Taigh an Ròid. B' e Easbaig Bhrechin, ogha Uilleim St Clair, a stèidhich an Rosslyn Chapel, a rinn an t-seirbheis-pòsaidh Chaitligeach. Dh' fhàg Darnley an Eaglais fhad 's a bha Màiri a' frithealadh an Aifrinn Chaitligich. Bha Màiri air pòsadh ann an aodach-caoidh dubh ach bha barrachd air dusan gùn ùr aig Màiri, air an dèanamh airson cuirmean na bainnse. Bha Màiri air a beò-ghlacadh le a cèile ùr. Thuirt tosgaire Shasainn gun robh Màiri "fo gheasaibh" aig Darnley.
Cha mhaireadh a h-aoibhneas ach ùine ghoirid.
Sa chriomag bhidio seo bho ‘BBC Learning Zone’ tha geàrr-chunntas air na tachartasan co-cheangailte ri pòsadh Màiri Banrigh na h-Alba ri a co-ogha, Eanraig Stiùbhart, am Morair Darnley.
Ionnsaich mun Iarla Darnley ‘iorghaileach is gòrach’, ‘s mar a bha a phòsadh ri Màiri Banrigh na h-Alba na mheadhan air argamaidean poilitigeach.
Find us on