English
Air an 15mh là den Ògmhios 1567, chaidh Màiri Banrigh na h-Alba a toirt air falbh bho Chnoc Charberry le Uachdarain a’ Choitheanail. Chaidh na feachdan aice ma sgaoil fhad 's a bha Bothwell a' marcachd gu Dunbar. Bha na h-Uachdarain air turas sàbhailte gu Dùn Èideann a ghealltainn do Mhàiri ach b' e a thachair gun tugadh dhi greiseag bheag airson rudan a bhuineadh dhi a chruinneachadh 's a thoirt leatha à Lùchairt Taigh na Ròid mus deigheadh i dhan phrìosan.
Chuir Màiri oidhche dheireannach seachad an Dùn Èideann, fo dhìon, ann an taigh air an t-Sràid Mhòir. Thug companach armaichte i gu Tàigh na Ròid an ath mhadainn airson gun cruinnicheadh i beagan nithean a bhuineadh dhi. Dh'fhàg Màiri an Lùchairt agus chaidh a toirt tuath gu Caisteal Loch Lìbhinn.
Bha an caisteal na laighe air eilean beag am meadhan Loch Lìbhinn. Chaidh Màiri iomradh a-mach chun an eilein. Chaidh a cur fo ghlais air an treas ùrlar de thaigh an tùir. Beagan sheachdainean às dèidh sin dh'fhuiling i breith-anabaich, a' call chàraidean. Chuir Màiri seachad a làithean a' coiseachd sa ghàrradh-cùirte, a' dèanamh obair-ghrèis agus ag ùrnaigh anns na seòmraichean aice.
Air an 24mh là den Iuchair ràining dithis de thighearnan a' Choitheanail Loch Lìbhinn. Thug am Morair Ruthven agus am Morair Lindsey roghainn dheireananch dhi, an crùn a leigeil seachad no bàsachadh. Thuirt iad rithe gun gearradh iad a h-amhaich nan diùltadh i a h-ainm a chur ri Gnìomhas airson an crùn a leigeil dhith. Chuir Màiri a h-ainm ris. Bhiodh am balach beag aice na rìgh - le leth-bhràthair Mhàiri, Iarla Mhoireibh, a’ gabhail os làimh a bhith na riaghlaire.
Chaidh gille beag Mhàiri aois 13 mìosan a' chrùnadh còig là às dèidh sin ann an seirbheis Phròstanach aig Sruighlea. B' e Iain Knox a rinn an t-searmoin. An Dùn Èideann ghairm na h-Uachdarain Pàrlamaid agus dh’ainmich iad gun robh Bothwell air Darnley a mhurt agus gu robh Màiri air a bhith ga chuideachadh gu toileach.
Air an 2mh là den Chèitean 1568 sheòl eathar bheag air falbh bho Eilean Loch Lìbhinn. Bha Uilleam Dùbhghlas, a bha taiceil do Mhàiri, air cuirm-chiùil Là Bealltainn a chur air dòigh aig a’ chaisteal agus air iuchraichean Geata Postern a ghoid. Fhad ‘s a bha an t-òl agus an dànnsa a' dol air adhart chaidh aca air Màiri a leigeil a-mach às an tùr gu sàmhach agus gun fhios. Chaidh a toirt gu eathar a bha ga feitheamh agus fhuair i às le taic bho Sheòras Dùbhghlas agus bhon Mhorair Seaton.
Gun dàil tharraing Màiri air ais bho bhith a' leigeil a’ chrùin dhith agus thòisich i air arm a chur ri chèile. Cha mhaireadh a saorsa ach ùine ghoirid.
Faic dealbhan de Loidse Mhanoir aig Sheffield, far an robh Màiri Banrigh na h-Alba na prìosanach fad fichead bliadhna.
Faic dealbhan de Loidse Mhanoir aig Sheffield, far an robh Màiri Banrigh na h-Alba na prìosanach fad fichead bliadhna.
Ionnsaich tuilleadh mu na tachartasan ann am beatha Màiri Banrigh na h-Alba, nuair a bha i na prìosanach-taighe eadar 1669 agus 1684 san leabhar seo le Iain Daniel Leader.
Faic dealbhan de Chaisteal Loch Lìobhainn, far na chuir Màiri Banrigh na h-Alba seachad a’ bhliadhna bu duilghe na beatha.
Faigh a-mach mar a fhuair Màiri, le i fhèin a riochdachadh mar fhireannach, air teiche à Alba sa chunntas inntinneach seo mu mar a thàrr i à Loch Lìobhann.
Leugh mu mar a chaidh Màiri Banrigh na h-Alba ath-chruthachadh mar Chaitligeach chràbhach agus mar cho-dheuchainniche airson rìgh-chathair Shasainn.
Find us on