English
Mun àm a bha an 15mh linn ann, bha sreath de rìghrean Stiùbhartach air àite-còmhnaidh air leth strùidheil a chruthachadh an Linlithgo. Thàinig Lùchairt Linlithgo gu bhith na àite sìtheil airson stad air an turas eadar Dùn Èideann agus Caisteal Shruighlea.
Bha taigh mòr rìoghail air a bhith air an làraich bhon 12mh linn. Chaidh caisteal dìonach a thogail na àite ri linn Cogaidhean nan Neo-eisimeileach. Chaidh Linlithgo a dhroch mhilleadh le teine an 1424 agus ghabh an Rìgh Seumas I an cothrom lùchairt ùr glòrmhor a thogail.
Bha na rìghrean Stiùbhartach ag amharc air lùchairtean greadhnach na Frainge airson spionnadh a thoirt dhaibh. Thug iad clachairean agus luchd-ciùird bhon mhòr-thìr airson a bhith ag obair air clachaireachd eireachdail na lùchairt.
San Lùnastal 1513 rinn Seumas IV marcachd gu deas a choinneachadh ri feachdan Eannraig V111. Bha a' bhean Mairead fo uallach ann an Lùchairt Linlithgo a' feitheamh ris tilleadh. Cha tilleadh Seumas IV a-chaoidh - chaidh a mharbhadh aig Blàr Fhlodainn. Gus an là an-diugh 's e Tùr na Banrìgh Mairead an t-ainm a tha air an tùr a tha aig ceann an iar-thuath lùchairt Linthlithgo.
Rugadh am mac, Seumas V, an Lùchairt Linlithgo ann an 1512. B' e Seumas V a dh'iarr air a chuid chlachairean tobar-fuarain eireachdail a thogail airson gàrradh-cùirt na Lùchairt an 1538.
Rugadh Màiri Banrigh na h-Alba an Lùchairt Linlithgo air an 7mh là den Dùbhlachd 1542.
Find us on