Scotlands History

Iain Knox

Thàinig Iain Knox gu bhith na cheannard dìoghrasach air Ath-leasachadh na h-Alba, a' dìteadh na h-Eaglais Chaitligich agus Màiri Banrigh na h-Alba bhon chùbaid agus ann an clò.

Rugadh Knox an Haddington mu 1510. Chaidh e a dh’ionnsachadh na sagartachd agus thàinig e gu bhith na shagart Caitligeach. An dèidh làimhe b' e "madaidhean fuilteach" a bh' aige air sagartan Caitligeach agus "sionagog Shàtain" air Eaglais na Ròimhe.

Choinnich Knox ri Seòras Uiseart agus shearmonaich e mar fhear-leasachaidh aig Caisteal Chille Rìmhinn. Chuir Knox seachad 18 mìosan mar thràill bhirlinn air bàtaichean-cogaidh Frangach agus an uair sin thànig e gu bhith na shearmonaiche Pròstanach ann an Sasainn. Theich e dhan Roinn Eòrpa an dèidh do Mhàiri I, "Màiri Fhuilteach," an creideamh Caitligeach a stèidheachadh a-rithist ann an Sasainn. Choinnich Knox ris an diadhair mòr Pròstanach agus am fear leasachaidh Iain Calbhin ann an Geneva.

Chaidh Knox mun cuairt Alba ann an 1555 a' searmonachadh ath-leasachadh. Bliadhna às dèidh sin chuir easbaigean na h-Alba ìomhaigh dheth na theine. Ann an 1558 chaidh "Ciad Ghuth na Trompaid an aghaidh Rèiseamaid Uabhasach nam Ban" le Knox a chur an clò. B'ann air Màiri - Banrigh na Frainge aig an àm sin 's a-rithist a b' i Banrigh na h-Alba - a màthair Marie de Guise agus Màiri Banrigh Shasainn, a bha e a' toirt ionnsaigh. Nuair a ghabh Ealasaid I righ-chathair Shasainn thug i an creideamh Pròstanach air ais ach cha tug i mathanas a-riamh do Knox airson an "Ciad Ghuth", ged a sgrìobh Knox ag ràdh gun robh e duilich.

Thill Iain Knox a dh'Alba ann an 1559 agus shearmonaich e an aghaidh a' chreidimh Chaitligich. An ath bhliadhna chuir a' Phàrlamaid an Dùn Èideann às do cheangal sam bith ris a' Phàpachas agus thoirmeisg iad a bhith an Aifreann Chaitligeach. 

Nuair a thill Màiri Banrigh na h-Alba a dh’Alba ann an 1561 bha i na banrigh Chaitligeach ann an dùthaich Phròstanach. Cha robh i ach 17 bliadhna agus bha i dìreach air an duine aice agus air a màthair a chall.

Cha do nochd Knox truas sam bith ri Màiri.

Shearmonaich e gu nimheil na h-aghaidh bhon chùbaid agus sgrìobh e fiù gun dh’fheuch Dia ri rabhadh a thoirt dha na h-Albannaich ro làimh mu Mhàiri a chionn 's nach "fhacas a' ghrian ri deàlradh dà là mus tàinig i a Dhùn Èideann an toiseach no airson dà là às dèidh sin." Rè nam bliadhnaichean a lean choinnich Knox agus Màiri aghaidh ri aghaidh uair is uair aig coinneamhan.

Chaochail Iain Knox an Dùn Èideann an dèidh bliadhnaichean de thinneas, ann an 1572.


  • dealbh de Iain Knox

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.