Scotlands History

Seumas V (1512-1542)

Thàinig an naoidhean Seumas V, a rugadh ann an 1512, gu bhith na Rìgh ann an 1513. Bha e a' riaghladh tro thàinistearan gu 1528, 's an uair sin air a cheann fhèin gus na chaochail e 's gun e ach aois 30, san Dùbhlachd 1542.

Bha naoinear chloinne dìolain aig Seumas, bha dithis mhnathan aige, dithis mhac a chaochail agus aon nighean neo-dhìolain, Màiri I (Màiri Banrìgh na h-Alba) a bha a' dol a ghabhail a rìgh-chathrach nuair nach robh i ach aois sia là.

Ghabh Seumas làn smachd ann an 1528, 's e air faighinn às bho bhith an ìre mhath na phrìosanach aig oide, Gilleasbaig Dùbhglas, Iarla Shiorrachd Aonghais. B' e a' chiad ghluasad a rinn e cuidhteas fhaighinn de Dhùbhglas.

Chaith Seumas mòran airgid a' togail aig Caisteal Shruighlea agus Falkland, Lùchairtean Linlithgo agus Taigh an Ròid. Fhuair e smachd air ceannarcaich nan crìochan agus cinn-feadhna nan Eileanan Siar. Dh’ath-nuadhaich e an t-Seann Chòrdadh le Madeleine à Bhalois a phòsadh ach chaochail ise sia mìosan às dèidh sin. An uair sin phòs e an dàrna tè de dh’uaislean na Frainge, Marie de Guise.

Air an 25mh là den t-Samhain 1542 rinn feachdan Eanraig VIII a' chùis air na h-Albannaich aig Blàr Solway Moss. Chaochail Seumas V dìreach beagan sheachdainean às dèidh sin air a' 14mh là den Dùbhlachd. Bha e dìreach air cluinntinn mu bhreith na h-ìghne aige, Màiri.

Tha e air a ràdh gun chuimhnich Seumas gun robh na Stiùbhartaich had gained the crown through Marjorie, daughter of Rìgh Raibeart am Brusach - thionndaidh e aghaidh ris a’ bhalla san t-seòmar-leapa aige 's thuirt e, "Thàinig e bho bhoireannach 's cuiridh boireannach crìoch air".


  • Portrait of James V
  • Painting of soldiers in helmets with Scottish flags trying to move a cannon across a river

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.