English
Thàinig Seumas gu bhith na rìgh ann an 1488. Bhathar a' coimhead air mar rìgh a bha soirbheachail agus a rinn mòran airson foghlam agus cultar a bhrosnachadh. Bha e gu sònraichte sgileil mar chànanaiche agus bha e comasach air sia cànanan a bhruidhinn – a' Ghàidhlig nam measg.
Bha Makaran Albannach, nam measg Uilleam Dunbar, Ualtair Ceanadach agus Gabhain Dùbhghlas aig an taigh aig Cùirt Ath-bheothachaidh Rìgh Seumas IV. B' e fìor bhàird a bha 's na Makaran. Sgrìobh agus chuir iad bàrdachd fa chomhair cùirte nan uaislean agus bha iad a' faighinn mòr thlachd nam blàr litreachais -“flytings” mar a bhiodh aca orra.
Chomharraich Dunbar pòsadh Sheumais IV agus Mairead Tudor ann an 1503 sa bhàrdachd aige “The Thrissill and the Rois” – “An Cluaran agus an Ròs”. B' e piuthar Rìgh Shasainn Eanraig VIII a bha ann am Mairead Tudor – is mar sin phòs cluaran na h-Alba ròs Shasainn.
...The merle scho sang, 'Haill, Roiss of most delyt,
Haill, of all flouris quene and soverane;’
The lark scho song, 'Haill, Rois, both reid and quhyt,
Most plesand flour, of michty cullouris twane;’
The nychtingaill song, 'Haill, naturis suffragene,
In bewty, nurtour and every nobilness,
In riche array, renown, and gentilness.'...
William Dunbar, 'The Thrissill and the Rois' (extract), 1503
Bha sianar chloinne aig Seumas IV agus Mairead Tudor. Bha còignear chloinne dìolain aige cuideachd.
Bha Seumas na rìgh gus na bhàsaich e aig Blàr Fhlodainn air an 9mh là den t-Sultain 1513. B' e Seumas IV an rìgh Albannach mu dheireadh a chaidh a mharbhadh ann am blàr. B' e fuil rìoghail Mhairead a dh’fhosgail an t-slighe airson Aonadh nan Crùin an 1603.
Find us on