English
Cha do dh'fhuirich Màiri Banrigh na h-Alba aig Lùchairt Taigh an Ròid ach beagan bhliadhaichean. B' iad cuid de na bliadhnaichean bu mhotha anns na thachair ann an eachdraidh na h-Alba.
Aig deireadh na 15mh linne deug, bha Seumas IV air lùchairt òrdachadh aig Taigh an Ròid an àite an taigh-aoigheachd a bha ri taobh na h-Abaid. Thog athair Mhàiri, Seumas V, tùr mòr, mòr agus lìon e seòmraichean taobh staigh na lùchairt le àirneis loinnreach; dha na mnathan Frangach aige.
Nuair a thàinig Màiri Banrigh na h-Alba chun a' chaisteil an 1561 roghnaich i fuireach anns na seòmraichean far an robh a màthair, Marie de Guise, air a bhith a' fuireach. Eadar 1561 agus 1567 chuir Màiri fàilte air urrachan mòra, chuir i air chois masgain, air an robh meas agus a bha dòrainneach, san lùchairt. Choinnich i ri Iain Knox ann an sreath de choinneamhan connspaideach. An toiseach phòs i am Morair Darnley agus an uair sin Bothwell aig Taigh an Ròid. Chaidh an rùnaire pearsanta aice Daibhidh Rizzio, a mhurt gu brùideil an sin agus chaidh maoidheadh air beatha Mhàiri.
'S e Lùchairt Taigh an Ròid an t-àite-còmhnaidh oifigeil a tha aig a' Bhanrigh an Alba.
Faodaidh luchd-turais, buidhnean-sgoile nam measg, a dhol mun cuairt nan seòmraichean far an robh Màiri Banrigh na h-Alba a' fuireach, nam measg an seòmar-leapa aice agus seòmar beag na suipeir às an deach Rizzio a shlaodadh gu bhàs. Tha buidheann-foghlaim, seòmar- foghlaim agus prògraman-ionnsachaidh aig an lùchairt airson clann fo aois na sgoile, bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Eist ri Port Ruairidh Dhoill, pìos de cheòl clàrsaich a chaidh fhoillseachadh san ochdamh linn deug, ach ’s iongantach mur deach a sgrìobhadh fada roimhe sin agus cruth eile chur air. Dh’fhàs am fonn ainmeil nuair a chleachd Raibeart Burns e mar a’ chiad fhonn a bha air ‘Ae Find Kiss’.
'S e àite-fuirich oifigeil na Bànrighe ann an Alba a th' ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann. Faigh a-mach tuilleadh mu Lùchairt Taigh an Ròid air làrach-lìn oifigeil aig Monarcachd Bhreatainn. Tha an duilleag seo sgrìobhte ann an Gàidhlig.
Dèan sgrùdadh air clàr làrach Lùchairt Taigh an Ròid le ‘Royal Commissions on the Ancient and Historical Monuments of Scotland’. Rannsaich notaichean arc-eòlach, ìomhaighean didseatach agus nithean fìor mun dachaigh rìoghail eachdraidheil seo ann an Dùn Èideann.
Dèan sgrùdadh air duilleag-sgoile Lùchairt Taigh an Ròid. Faigh a-mach mun ionad foghlaim ’s mu na prògraman ionnsachaidh aca a tha freagarrach airson raon farsaing de aoisean ’s de chomasan.
Gabh cuairt mheanmnach tro sheòmraichean Màiri Banrigh na h-Alba aig Taigh an Ròid agus faic nithean ann an taisbeanadh a’ Chruinneachaidh Rìoghail.
Find us on