English
Nuair chuireadh i air bog san t-Sultain 1511 b' i am Mìcheal Mòr am bata-cogaidh bu mhotha bha san Roinn Eòrpa, barrachd air dà uair na bu mhotha na am Mary Rose – bàta eile a bhuineadh don àm. 'S e Righ Seumas IV a dh’iarr a togail. Bha e air a ràdh aig an àm gun deach “uile choilltean Fhiobha” a chleachdadh airson a togail.
Thogadh am Mìcheal air an robh ceithir croinn 's a bha 240 troigh (73m) de fhaid aig Newhaven agus bha i na dachaigh do 1000 maraiche, 300 seòladair agus 200 gunnair nuair a bha iad a' coileanadh an dleastanais.
Thathar a' cumail a-mach gun robh Mons Meg (a b' àbhaist a bhith air a cleachdadh aig Caisteal Threave) am measg a cuid ghunnaichean, 's mar sin na latha fhèin cha robh bàta-cogaidh eile air a bhith ann a riamh le gunna bu mhotha meudachd-baraille (22 òirleach).
Bhon a bha i cho daor a cumail mar bu chòir chaidh am Mìcheal Mòr a reic ann an 1514 ri Rìgh Louis IV na Frainge air 40,000 livre – 's dh'aithnichist i mar La Grande Nafe d'Ecosse – Bàta Mòr na h-Alba.
Find us on