English
Bha Màiri còig bliadhna a dh'aois nuair a chaidh a toirt dhan Fhraing san Lùnastal 1548. Sheòl i à Dùn Bhreatainn leis a' chùirt aice fhèin air an dèanamh suas de dhithis iarla agus an ceathrar Mhàiri aice fhèin: Màiri Pheutanach, Màiri Seton, Màiri Fleming agus Màiri NicDhùn-Lèibhe - iad uile à teaghlaichean uaislean Albannach le ceangalan làidir ris an Fhraing.
Bha na h-Albannaich agus na Frangaich air an ainmean a' chur ri Còrdadh Haddington san Iuchair ag aontachadh gum pòsadh Màiri an Dauphin Frangach Francis - mac agus oighre Righ Eanraig II na Frainge.
Dh’fhàs Màiri suas san Fhraing còmhla ri Francis a bhiodh na cèile san àm ri teachd. Chuir i seachad mòran de thoiseach a beatha aig Chateau de Chambord. Dh’ionnsaich i Fraingis, Laideann, Greugais, Spàinnis agus Eadailtis agus fhuair i tlachd ann an seabhacaireachd, obair-snàthaid, bàrdachd, rosg, marcachd-eich agus a’cluiche ionnstramaidean-ciùil.
Bha Màiri 15 bliadhna a dh’aois nuair a phòs i Francis aig Cathair-Eaglais Notre Dame ann am Paris air an 24mh là den Ghiblein 1558. Thàinig Francis agus Màiri gu bhith nan Rìgh 's nam Banrigh san Fhraing air an 30mh là den Ògmhìos 1559, nuair a chaochail Eanraig II.
Air a' 5mh là den Dùbhlachd 1550 thàinig beatha shona Mhàiri mar Bhanrigh na Frainge gu ceann nuair a chaochail Rìgh Francis II na Frainge. Ghabh a bhràthair thairis rìgh-chathair na Frainge agus rinn a' bhanntrach Màiri deiseil airson tilleadh a dh’Alba.
Bha i 17 bliadhna a dh’aois.
Tha a’ chriomag bhidio seo bho ‘BBC Learning Zone’ ag innse mu nithean a thachair mus do sheòl Màiri don Fhraing, agus a pòsadh ri Eanraig II na Frainge.
Sa chriomag bhidio seo bho ‘BBC Learning Zone’ gheibhear cunntas mu phòsadh Màiri agus oighre rìgh-chathair na Frainge agus mu dè bhiodh an t-aonadh seo a’ ciallachadh do dh’Alba is do Shasainn.
Leugh briathran bho dhàn le Daibhidh Lindsay mu latha-bainnse Màiri Banrigh na h-Alba bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Agus, ionnsaich mun chleachdadh Albannach “poor-out” i.e. buinn airgid gan sadail chun an t-sluaigh aig àm subhachais.
Rannsaich beatha Chatrìona de’ Medici, aon de fhìor mhnathan an Ath-bheothachaidh. Ionnsaich mar a stad i dùthchannan eile bho bhrath a ghabhail air connspaidean cràbhach na Frainge nuair bha i na banrigh, san artaigeal mhionaideach seo.
Find us on