Scotlands History

Blàr Achadh Fhlodainn

Air an 9mh den t-Sultain 1513, chuir airm na h-Alba fo Rìgh Seumas IV, aghaidh air feachdan Shasainn fo Thòmas Howard, Iarla Shurraigh. B'e blàr fiadhaich, fuilteach a bh' ann – daoine air an leagail le gunnachan-mòra, saigheadan, crainn-shleagh, sgiathan-sgathaidh agus claidheamhan. Bhàsaich mu 14,000 duine, Seumas IV nam measg, an Rìgh Breatannach mu dheireadh a chaidh a mharbhadh ann an cogadh.

Bha Seumas IV pòsta aig aon de pheathrachean Eanraig VIII – Mairead Tudor – ach bha rìgh na h-Alba, a' toirt urram dhan t-Seann Chòrdadh leis an Fhraing, air a dhol a Northumbria airson saighdearan Eanraig a thoirt a thaobh bhon chogadh an aghaidh na Frainge. Thàinig cuid de shaighdearan Frangach còmhla ri na h-Albananich agus iad a' giùlain innealan-cogaidh Frangach.

Bha na h-àireamhan a bu mhotha aig Seumas IV – eadar 35,000 agus 40,000 duine 's gun ach 26,000 aig na feachdan Sasanach – ach bha dìth-eòlais agus cion-smachd air feachd na h' Albainn.

Thuirt Easbaig Dhurhaim a-rithist ri Tòmas Wolsey ”...ged a chath na h-Albannaich gu cruaidh agus gu gaisgeil len claidheamhan, gidheadh cha b' urrainn dhaibh seasamh an aghaidh nan sgiathan-sgathaidh a bha a' tuiteam orra cho tiugh 's cho goirt.”

Thugadh an char as na h-Albannaich; rinn pàirt de fheachd Shasainn cearcall timcheall air far an robh iad. Siud Seumas IV a-steach a mheadhan a' bhlàir – esan air thoiseach air na fir a bha còmhla ris – agus chaidh a ghearradh sìos s gun e ach “leud-sleagha” bho Iarla Shurraigh.

Chaidh mu 4,000 de fheachd Shasannach Eanraig VIII am marbhadh 's chaill Alba suas ri 10,000 duine. Am measg nam marbh bha Righ Seumas IV agus a mhac Alastair, triùir easbaigean, 12 iarla, agus 13 baran. Bha cuirp mhìltean de na mairbh agus den fheadhainn a bha ri uchd bàis nan laighe air feadh na h-àraich aig ciaradh an fheasgair.

Bidh cuimhne air Blàr Fhlodainn a-chaoidh ri linn òran Shìne Elliot "Flùraichean na Coille":

...I've heard the lilting, at the yowe-milking,
Lassies a-lilting before dawn o' day;
But now they are moaning on ilka green loaning;
"The Flowers of the Forest are a' wede away.”


  • dealbh den chuimhneachan air Blàr Achadh Fhlodainn
  • dealbh de uinneag ann am eaglais paraiste Fhlodainn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ris a’ chunntas seo le Tòmas Ruthall, Easbaig Dhurhaim, mu Bhlàr Achadh Fhloddain, 1513