Scotlands History

Lùchairt Falkland

Thòisich Lùchairt Falkland am Fiobha mar loidse do luchd-seilge san 12mh linn 's an uair sin thàinig i gu bhith na caisteal aig an teaghlach MacDuff. Fhuair an Crùn an Lùchairt bho chloinn MhicDuff sa cheathramh 14mh linn. Chaochail Daibhidh Stiùbhart, Diùc Bhòid an sin tro chion-cùram agus acras nuair a bha e na phrìosanach ann sa 15mh linn.

Eadar 1501 agus 1541 rinn Seumas IV agus Seumas V leasachaidhean mòra ann a bhith ag atharrachadh a' chaisteil gu bhith na lùchairt loinnreach Renaissance 's an luib sin chaidh an 'Real Tennis Court' a thogail ann an 1539.

Chaidh a' chuid bu mhotha den obair aig Falkland a dhèanamh le ailtirean 's luchd-ciùird Frangach - sgrìobh Seumas gu màthair Marie de Guise eadhon, ag iarraidh oirre clachairean Frangach a chur a dh'Alba airson obair a dhèanamh air na lùchairtean aige. An dèidh làimhe ràinig an clachair Nicholas Roy a rinn obair aig Lùchairt Falkland airson 21 tastan san t-seachdain, inbhe Sàr Chlachair an Rìgh.

B' e Lùchairt Falkland an t-ionad-tèarmainn a b' fheàrr le Seumas V. Bhàsaicheadh e aig Falkland an 1542.

Chuir armailt-ionnsaigh Cromwell an lùchairt na theine, 's an uair sin thionndaidh e na làraich. Chaidh a shàbhaladh an 1887 nuair a thòisich Iain Crichton-Stiùbhart 3mh Marcas Bhòid, ga ath-thogail. 'S ann le na Crichton-Stiùbhartaich a tha an Lùchairt fhathast, 's tha e air a ruith le Urras Nàiseanta na h-Alba.


  • dealbh de Lùchairt Falkland

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.