English
An oidhche mus deach a cur gu bàs, chaidh innse do Mhàiri Banrigh na h-Alba gun robh a' bhinn a chaidh a thoirt na h-aghaidh dìreach gu bhith air a coileanadh. Ghabh i ris an naidheachd gu socair. Mu dhà uair sa mhadainn shuidh Màiri sìos agus sgrìobh i litir ann am Fraingis gu a bràthair-cèile, Rìgh Eanraig na Frainge.
A bhràthair rìoghail, air dhomh a bhith tro thoil Dhè, airson mo pheacaidhean tha mi a' smaoineachadh, air mi fhìn a thilgeil a chumhachd mo cho-ogha, a' Bhanrigh, bho bheil mi air mòran fhulang airson faisg air fichead biadhna, tha i fhèin agus a cuid Oighreachdan mu dheireadh thall air mo dhìteadh gu bàs...
Tha mi gu bhith air mo chrochadh mar cheannairceach aig ochd uairean sa mhadainn... tha mi a' dèanamh tàir air a' bhàs agus a' mionnan gu bheil mi a' dol na choinneamh neochiontach de dh’eucoir sam bith…
Mu 8m air an 8mh là den Ghearran, chaidh Màiri Banrigh na h-Alba a threòrachadh chun na croiche an talla mhòr Chaisteal Fotheringhay. Chùm grunnan shùil-fhianaisean cunntas air na thachair air a’ mhadainn ud.
Mhothaich aon neach gun tuirt Màiri ri a searbhant Melvin:
Bu chòir dhut a bhith a' dèanamh gàirdeachas agus chan e caoidh gu bheil trioblaidean Mhàiri Stiùbhart a-nise seachad... chan eil anns gach nì san t-saoghal seo ach dìomhnanas agus làn thrioblaidean agus àmhghairean. Giùlain an teachdaireachd seo bhuamsa agus innis dham charaidean gun bhàsaich mi nam bhoireananach a bha dìleas dham chreidimh, agus mar fhìor bhoireannach Albannach agus Fhrangach; ach gun tugadh Dia mathanas dhaibhsan a tha air a bhith ag iarraidh cur às dhomh aison ùine cho fada.
Chualas plosgartaich fhad 's a bha Màiri a' toirt dhith a dreasa dhubh a' foillseachadh còta-bàn dearg a bha na shamhla air martarach Caitligeach. Ann am beachd Mhàiri, bha i a' bàsachadh airson a creidimh. Phòg i crois-sheunaidh agus thuirt i, “Dìreach mar bha do ghàirdeanan-sa Iosa air an cur a mach an seo air a' chrois, gabh mi a-steach a ghàirdeanan do thròcair agus math dhomh mo pheacaidhean uile.”
Chaidh Màiri air a glùinean ri taobh a' bhloc. Chaidh tubhailt a cheangal mu a sùilean. Chuir i a-mach a làmh airson am bloc a lorg agus chuir i a ceann sìos, ag ràdh “in manus tuas, Dominie,”a-rithist agus a-rithist, – “nad làmhan-sa, a Thighearna.”
Chuir fear a’ bhàis a làmh air Màiri airson mòmaid 's an uair sin gheàrr e dhith a ceann le dà bhuille den làmh-thuagh. Nuair a thog e suas a ceann airson a shealltainn dhan t-sluagh thàinig gruag Mhàiri air falbh na làimh a’ sealltainn gun robh a falt glas air a ghearradh goirid chun a’ chraicinn. Dh’èigh an t-Iarla Kent, “Biodh a leithid sin de chrìoch aig uile nàimhdean na Banrigh agus aig nàimhdean an t-Soisgeil.”
Lorgadh cù bheag Mhàiri a' falach bho sgiortan na banrigh, fliuch le a cuid fala.
Chaidh corp Mhàiri a thoirt air falbh airson a spìosradh fhad 's a chaidh falbh le a cuid aodaich, air a thrualleadh le fuil, airson a losgadh. Chaidh Màiri Banrigh na h-Alba a chàradh an Cathair-eaglais Pheterborough. Nuair a thàinig a mac Seumas gu bhith na rìgh air Sasainn thug e corp a mhàthar às an uaigh agus thìodhlaiceadh i ann an tuaim a bha air a snaidheadh gu snasail an Abaid Westminster.
Tha an litir mu dheireadh a sgrìobh Màiri air a gleidheadh le Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an Dùn Èideann.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri cunntas Raibeart Wynkfielde mu chrochadh Mhàiri, Banrigh na h-Alba aig Caisteal Fotheringhay, an 8mh là den Ghearran, 1587
Leugh an cunntas ainmeil seo mu bhàs Màiri Banrigh na h-Alba air 8 Gearran 1587, le Raibeart Wynkfielde, a choisinn cliù mòr air feadh na Roinn Eòrpa.
Tha an cunntas co-fhulangach seo mu bhàs Màiri Banrigh na h-Alba le Pierre de Bourdeillec ag innse mu urram Màiri nuair bha i a' dlùthachadh air ‘a’ bhloca’.
Ionnsaich tuilleadh mu fhaireachdainnean na Banrigh Ealasaid mu bhàs a peathar tro litir sgrìobhte gu Seumas VI.
Leugh cunntas co-aimsireil mu bhàs Màiri Stiùbhairt leis a’ Bh-uas, bean Mhaxwell Scott à Dùn Èideann san leabhar aice, ‘The Tragedy of Fotheringay'.
Find us on