Scotlands History

Ealasaid I a’ cur a h-ainm ri bileag òrdugh-bàis

An dèidh Cuilbheart Bhabington a thighinn am follais chaidh Màiri Banrigh na h-Alba a thoirt gu Caisteal Fhotheringhay gu cùirt-lagha. Chaidh a faighinn ciontach de cheannairc agus binn-bàis a thoirt oirre.

Tha e tric air a ràdh gu robh a' Bhanrigh Ealasaid ann an èiginn mu bhith a' cur a h-ainm ri bileag òrdugh-bàis Mhàiri. Dh'innis Ealasaid dhan Tosgaire Frangach gu robh i air deòir a shileadh mun “ghòthaich mhì-shealbhach.”

Bha eagal oirre nan dìteadh aon riaghladair dligheach riaghladair dligheach eile gu bàs gum biodh sin na eiseimpleir uabhasach. Bha iomagain oirre gu sireadh mac Mhàiri, Righ Seumas I na h-Alba no na Caitligich Spàinteach dìoghaltas. Bha eagal oirre mu a cliù.

Cha robh bàs Mhàiri na dhragh do dh'Ealasaid – ach dìreach nach robh i ag iarraidh a h-ainm fhèin a chur ris an òrdugh. Nuair a chaidh a' bhinn fhoillseachadh air an 2mh là den Dùbhlachd 1586 rinn muinntir Lunnainn gàirdeachas le teintean-a-muigh agus sailmean fhad 's a bha clagan eaglaise a’ bualadh. Chuir Uilleam Cecil bileag òrdugh-bàis ri chèile airson gun cuireadh Ealasaid a h-ainm rithe.

Sgrìobh Màiri litir gu Ealasaid a' cur a h-ainm rithe mar seo: 'Do phiuthar agus do cho-ogha a tha na prìosanach ach nach bu chòir.' Dh'iarr i air Ealasaid a corp a thoirt dhan Fhraing agus chuir i rabhadh chun na Banrigh Shasannaich.

Na cuir às mo leth gu bheil mi ladarna mas e agus air dhomh bhith fàgail an t-saoghail-sa agus gam ullachhadh fhìn airson saoghal as fheàrr, ma chuireas mi nad chuimhne gu feum thusa cunntas a thoirt às leth do stiùbhartachd san aon dòigh riuithasan a bha nad dhreuchd romhad… bidh cuimhne air m’ fhuil agus air truaighe mo dhùthcha…

Mu dheireadh air an 1mh là den Ghearan 1587, chuir Ealasaid a h-ainm ri bileag òrdugh-bàis.

Chuir Ealasaid fan comhair an uair sin gu faodadh Màiri a bhith air a murt gun chus fuaim le na bha ga cumail sa phrìosan. Chaidh an t-iarrtas gum biodh beatha Mhàiri air a “ghiorrachadh” a thoirt gu Sir Amyas Paulet, fear-gleidhidh Mhàiri sa phrìosan. Chuir Paulet am freagairt seo gu Sir Francis Walsingham:

Tha mi cho mì-thoilichte a bhith beò airson an là duilich seo fhaicinn sa bheil e air iarraidh orm, le stiùireadh bhom Bhanrigh ghràsmhor, gnìomh a dhèanamh a tha air a thoirmeasg le Dia agus leis an lagh… Na leigeadh Dia gun dèanainn-sa long-bhrisidh cho mòr dhe mo chogais, no spot dhubh cho mòr fhàgail aig mo shliochd, no fuil a dhòirteadh gun chead lagha no barantas air a shon… mar sin tha mi gad fhàgail aig tròcair an Uile Chumhachdaich.

Bho Fotheringham, an 2mh là den Ghearran, 1586

Bha a h-uile càil air a chur air dòigh airson Màiri a chuir gu bàs.


  • Bileag òrdugh-bàis Màiri, Banrigh na h-Alba

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.