English
Beagan mhìosan an dèidh dha Màiri pòsadh, thàinig e am follais cò ris a bha am Morair Darnley dha-rìribh coltach. Bha Màiri trom leis an leanabh aca bha Darnley a' cur oidhcheannan seachad ag òl còmhla ri charaidean mì-chliùiteach an taighean-dibhe is an taighean-siùrsachd Dhùn Èidinn.
Thionndaidh Màiri gu a cearcall dhlùth de charaidean airson cofhurtachd. Nam measg bha fear-cùirte beag Eadailteach air an robh Daibhidh Rizzio. B' e Rizzio rùnaire pearsanta Mhàiri. Bha e cuideachd fìor-chomasach mar fhear-ciùil agus mar sheinneadair. Bhiodh Rizzio a' seinn 's a' cluiche chairtean còmhla ris a' Bhanrigh agus ris a' ceathrar Mhàiri san fheasgar anns na seòmraichean aice.
Dhearbhar gur e duine a bha air a mhilleadh, a bha suarach agus borb a bh' ann an Darnley. Bha farmad air mun aire a bha Màiri a' toirt do Rizzio agus air a mhisneachadh le buidheann de dh'uaislean Pròstanach thàinig e gu bhith a' creidsinn gun robh a bhean agus Rizzio ri leannanachd. Rinn Darnley agus na h-uaislean cuilbheart os ìosal gus Rizzio a mharbhadh.
Air an 9mh là den Mhàirt 1566 bha Màiri, Rizzio agus buidheann beag de charaidean a' gabhail suipear anmoch san t-seòmar bheag ri taobh seòmar-leapa na Banrigh. Gu h-obann nochd Darnley a' bhruidhinn ri Màiri fhad 's a bha buidheann de dh’uaislean armaichte a' dèanamh an slighe gu seòmraichean na Banrigh. B' e am Morair Ruthven a bha fulang le fiabhras 's a bha faisg air a' bhàs fear de na bha a' cuideachadh Darnley. Bha a dhath geal agus sliamach agus bha armachd air fo chleòca. Ghrad-leum Ruthven a-steach dhan t-seòmar ag ràdh, “Chòrdadh e ribh, a' Bhanrigh, an duine ud Daibhidh a shaoradh greiseag.”
Thuig Màiri sa bhad gun robh beatha Dhaibhidh ann an cunnart agus thug i aghaidh air na cuilbheartaich - "a-mach à seo sibh mus cuirear brathadh às ur leth." Nuair a dh’iarr Ruthven air Darnley grèim fhaighinn air a mhnaoi thòisich sabaid. Chaidh Rizzio air falach air cùl dreasa na Banrigh fhad 's bha a caraidean agus a seirbhisich a' strìth ri Ruthven.
Nochd na cuilbheartaich eile agus dh’fheuch iad ri Rizzio a shàthadh. Bha Màiri sia mìosan trom agus a' creidsinn gun robh na fir an dùil ise a mharbhadh cuideachd. Fhad 's a bha ise gu borb air a cuir a dhàrna taobh agus grèim aig Darnley oirre, chaidh gunna luchdaichte a chuimseachadh air a broinn throm airson nach fheuchadh i ri stad a chur air na bha a’ tachairt.
Chaidh Daibhidh Rizzio a shlaodadh 's e a' sgriachail às an t-seòmar agus chaidh a mhurt gu borb air an staidhre air taobh a-muigh seòmraichean na Bànrigh. Chaidh a shàthadh còrr air 50 turas mas deach a chorp a thilgeil leis an staidhre. Dhiùlt Darnley Rizzio a shàthadh ach chaidh an sgian-mhòr aige fhàgail sa chorp airson sealltainn gun robh e leagte ri na thachair.
'S na làithean a lean chaidh aig Màiri gu sgileil air an duine aice thionndadh air falbh bho na cuilbheartaich. Fo chòmhdach dorchadais mharcaich Màiri agus Darnley air falbh à Taigh Holyrood gu sàbhailteachd Caisteal Dhùnbair. Cha tugadh i mathanas dha cèile gu bràth airson a chealgaireachd.
Seall ri dealbh Dhaibhidh Rizzio, dlùth chompanach Màiri Banrigh na h-Alba ris an robh eud mòr aig am Morair Darnley, an dàrna cèile aig Màiri.
Find us on