Scotlands History

Braighdeanas an Sasainn

An toiseach cha robh Ealasaid I cinnteach dè dhèanadh i le Màiri. B' e banrigh Chaitligeach a bh' ann am Màiri ach banrigh a dh’aindeoin sin. Chuireadh a h-aoigh gu tèarainte ann an caistealan Shasainn gus mu dheireadh na rinn Ealasaid suas a h-inntinn rannsachadh a dhèanamh air na casaidean gu robh Màiri an sàs ann am muirt a cèile Darnley agus beachdachadh air na casaidean a bha Màiri a’ togail an aghaidh Mhioreibh.

Sa gheamhradh 1568 chuir Iarla Mhoireibh “Litrichean na Cascaid” fa chomhair an rannsachaidh. Bha e air a ràdh gum b' e litrichean a bh' annta a bha Màiri air a sgrìobhadh gu Bothwell, a bha a' dearbhadh gun robh Màiri air a bhith an sàs ann an cuilbheart airson Darnley a mhurt. Cha b' e litrichean fìor a bha annta ach bha iad air an cur ri chèile gu faiceallach airson creideas Mhàiri a thoirt air falbh.

B' e a' bhreith a thug rannsachadh Ealasaid a-mach nach robh fianais sam bith ann gun robh Màiri ciontach agus gum bu chòir do Mhoireibh tilleadh a dh’Alba mar riaghlair. Dh’fhuiricheadh Màiri ann an Sasainn.

An dèidh an rannsachaidh chaidh Màiri a thoirt gu Caisteal cruaidh Tutbury. Bha i na prìosanach.

Air an 23mh là den Fhaoilleach 1570 bha leth-bhràthair Mhàiri, Seumas Stiùbhart, Iarla Mhoireibh, a' marcachd tro Linlithgo. Chaidh losgadh mharbhtach a dhèanamh air le Seumas Hamilton à Bothwellhaugh – thathar den bheachd gum b' e seo a' chiad mhurt a chaidh a dhèanamh le gunna. Chaidh an ath riaghlaire, athair a' Mhorair Darnley, an t-Iarla Lennox, a mhurt san t-Sultain 1571 – neach a dh’fhuiling ri linn na còmhstri a bha a' fàs na bu mhiosa eadar luchd-taice Mhàiri agus na bha a' cur na h-aghaidh. Ann an ùine ghoirid bha luchd-taice Mhàiri air am pronnadh gun iochd.

An Sasainn, bha Màiri agus na bha còmhla rithe a' fuireach ann an Tutbury, Caisteal Sheffield, Loidse Mhanor Sheffield agus Taigh Chatsworth. Dheigheadh a gluasad mar bha a slàinte a' dol na bu mhiosa no ma bha amharas ann gu robh cuilbheart Chaitligeach ann airson a saoradh. Chuir Màiri seachad a' chuid bu mhotha de a cuid làithean le snàthad a’ dèanamh phanalan de dh’obair-ghrèise, cuid a tha rim faicinn fhathast. Tha e air a dhearbhadh gu robh samhlaidhean dìomhair le brìgh fhalaichte air cuid de dh’obair-ghrèise Mhàiri. Nuair a fhuaireadh a-mach mu Chuilbheart Throckmorton agus Chuilbheart Parry, chaidh Màiri a chur a dh’fhuireach ann an Talla Chartley fo shùil gheur Sir Amyas Paulet.

Bha am prìomh chomhairliche agus fear- brathaidh Ealasaid, Uilleam Cecil, cinnteach gun robh Màiri ro chunnartach airson cead a thoirt dhi a bhith beò. Chaidh sùil gheur a thoirt air litrichean Mhàiri air fad. Chuir Cecil Sir Francis Walsingham a dh’fhaighinn fianais a dhearbhadh gun robh Màiri an sàs ann an cuilbheart Chaitligeach an aghaidh Ealasaid – agus bha e toilichte dòigh-glacaidh a shuidheachadh mur lorgadh e an fhianais a bha dhìth air.


  • Uinneag dathte le ìomhaigh Màiri, Banrigh na h-Alba air

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.