Scotlands History

Bothwell

B' e Seumas Hepburn, an 4mh Iarla Bothwell, an treas duine bhiodh pòsta aig Màiri Banrigh na h-Alba. B' e duine cruaidh a bh' ann aig an robh sròn bhriste fear-sabaist, agus nach gèilleadh do neach sam bith, 's a bha cho làidir ri stàilinn na rùn. Rinn e nàimhdean am measg nan Uachdaran Pròstanach agus lean e air na fhear-taice treun agus dìleas do Mhairi Banrigh na h-Alba.

Bha Marie de Guise air dìlseachd Bhothwell aithneachadh le Caisteal Hermitage a thoirt dha agus le bhith ga chur air leth mar Lieutenant nan Crìochan a thuilleadh air a bhith na Iarla Àrd mharaiche na h-Alba. Ann an 1559 chaidh aig Bothwell air stad a chur air luchd de bhuinn òir a bha Ealasaid I air a chur gu bhith a’ maoineachadh ar-a-mach Uachdarain a’ Choitheanail Phròstanaich. Loisg na h-Uachdarain dachaigh Bhothwell, Caisteal Chrichton, nuair a dhiùlt e an t-airgead a thilleadh.

Choinnich Bothwell ri Màiri Stiùbhart an toiseach nuair a b' i Banrigh na Frainge. Bha e air ruith a mach à airgead aig an àm agus chuimhnich e a-rithist gun “dh’ath-dhìol a' Bhanrigh mi ann an dòigh a bha na b' fhialaidh agus na b' urramaiche na thoill mi.”

Rinn Bothwell ainm dha fhèin mar fhear a bha dèidheil air boireannaich - bhiodh fìor dhroch bhuaidh aig càirdeas nach do dh’obraich eadar e fhèin agus Anna Tronds às dèidh seo. Phòs e a' Bhean-uasal Sìne Gordon ann an 1566. Cha do sheas am pòsadh ach beagan a bharrachd air bliadhna.

Sa Mhàirt 1566 nuair a chaidh Rizzio a mhurt chuidich Bothwell le plana airson gun teicheadh Màiri à Taigh na Ròid. An uair sin chruinnich e arm ri chèile airson a' Bhanrigh a chuideachadh 's i a' marcachd air ais a Dhùn Èideann còmhla ri Darnley gus aghaidh a chur air na cuilbheartaich. Fad ceudan de bhliadhnaichean bhathar a’ cur coire air Bothwell airson murt a' Mhorair Darnley.

'S na seachdainean an dèidh a’ mhuirt chaidh tòiseachadh air iomairt a bha air a cur ri chèile gu math an aghaidh Bhothwell le na h-Uachdarain Pròstanach air a ceann. Bha Bothwell air nàimhdean cumhachdach a dhèanamh. Nam measg bha leth-bhràthair dìolain Màiri, Seumas Stiùbhart, ciad Iarla Mhoireibh. Bha esan air a bhith os cionn ar-a-mach Uachdarain a' Choitheanail Pròstanaich an aghaidh Marie de Guise. Bha Iarla Mhoireibh air cuideachadh leis a`phlana airson Rizzio a mhurt agus bha e ri cuilbheart san uaigneas còmhla ri Cecil, àrd-fhear-brathaidh na Bànrigh Ealasaid I, an aghaidh Mhàiri.

Gann air beagan sheachdainean às dèidh murt Dharnley, dh’fhalbh Bothwell le Màiri an aghaidh a toile, ga toirt gu Caisteal Dhunbair. Air an 25mh là den Chèitean 1567 phòs Bothwell agus Màiri aig Lùchairt Taigh an Ròid.

Dh'fhàs iomairt Mhoireibh agus nan Tighearan Pròstanach an aghaidh seo na bu treise. Nochd sanasan air na sràidean le deilbh de Mhàiri mar mhaighdeann-mhara – samhla air siùrsach. An dèidh làimhe bhitheadh lethbhreacan-brèige de na Litrichean Cascaid ainmeil mar phàirt den chuilbheart an aghaidh Bhothwell agus Mhàiri. B' e fìor nì calltach a bha ann am pòsadh goirid Mhàiri agus Bhothwell.

Dh'èirich mòran de dh'uaislean na h-Alba an aghaidh Mhàiri, a' cur arm air chois a choinnich ri Màiri, Bothwell agus an cuid feachd aig Cnoc Charberry san Ògmhios. Thàinig Màiri agus na h-uaislean a bha na h-aghaidh gu aonta: dhèanadh ise marcachd còmhla riutha ann an sàbhailteachd gu Dùn Èideann agus bhiodh Bothwell saor airson dèanamh às. Chan fhaiceadh e Màiri tuilleadh.

Theich Bothwell à Alba ach thuit e ann an làmhan chàirdean Anna Tronds. Chuir Rìgh Dhanamhairc an uair sin e gu Caisteal mhì-chliùteach Dragsholm. Chuir Bothwell seachad na deich bliadhna a lean a' fuireach ann an staid uabhasach. Bhàsaich e – air a chiall a chall agus e ceangailte ri colbh cloiche – air an 14mh là den Ghiblein 1578.


  • Seumas Hepburn, 4mh Iarla Bothwell, c. 1535 - 1578

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.