English
Rugadh Màiri I na h-Alba ann an Lùchairt Linlithgo air an 7mh là den Dùbhlachd 1542 - dìreach sia là mus do chaochail a h-athair Rìgh Seumas V.
Bhon mhionaid a rugadh i bha na buidhnean Albannach (a bha air taobh Shasainn 's na bha air taobh na Frainge) gu cuilbheartach a' feuchainn ri làmh an uachdair fhaighinn oirre. B' e Seumas Hamilton, 2mh Iarla Arainn an Tàinistear a bha aig Màiri airson a' chiad 12 bliadhna de a beatha.
Nuair nach robh i ach sia mìosan a dh'aois gheall Cùmhnantan Ghreenwich gum biodh Màiri pòsta aig an fhear a bhiodh fhathast mar Rìgh Eideard VI Shasainn. Bha màthair Mhàiri gu làidir an aghaidh sin agus chaidh i fhèin 's a nighean air falach aig Caisteal Shruighlea.
Nuair nach robh i ach naoi mìosan a d'aois chaidh Màiri Banrigh na h-Alba a chrùnadh san Eaglais Rìoghail aig Casteal Shruighlea. Tha e coltach gun deach an t-seirbheis ullachadh ann an cabhaig agus gu robh i sòlamaichte, gun mhòran aoibhneis. Cha robh am buidheann a bha air taobh Shasainn an làthair.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Suipear Lude, fonn clàrsaich a thàing a-nuas tro iomadh ginealach de theaglach MhicDhonnchaidh Thaigh Lude ann an Siorrachd Pheairt. 'S ann de shliochd Beatrix Gardyne a tha clann Mhic Dhonnchaidh - bha buaidh cho mòr aig an cuid tàlant-ciùil air Màiri Banrigh na h-Alba ’s gun tig i a clàrsach àlainn fhèin do Bheatrix.
Tha a' chriomag bhidio seo bho ‘BBC Learning Zone’ ag innse mu bhàs Sheumais V agus mu bhreith a nighinn, Màiri a thàinig gu bhith na Banrigh air Alba làithean an dèidh a breith.
Lorg far an robh Màiri Banrigh na h-Alba a' fuireach, far an robh i air falach is far na chaochail i leis an lorg-chuairt seo timcheall air feadhainn de na caistealan 's de na làraich as fheàrr an Alba. Faigh a-mach tuilleadh mu gach làraich, agus dèan sìos-luchdachadh air an lorg-chuairt airson a thoirt leat air do thuras.
Rannsaich clàradh làrach Lùchairt Ghleann Iucha le ‘Royal Commissions on the Ancient and Historical Monuments of Scotland’. Rannsaich notaichean arc-eòlach, ìomhaighean didseatach agus nithean fìor mun làraich eachdraidheil seo faisg air Dùn Èideann.
Find us on