English
Bha eagal air Màiri gun cailleadh i a leanabh tron oidhche chaidh Daibhidh Rizzio a mhurt. Bha fios ron àm aig Ealasaid I Banrigh Shasainn mun chuilbheart airson Rizzio a mhurt. Cha tug i rabhadh do Mhàiri agus 's dòcha gun robh i an dòchas gun cailleadh a' Bhanrigh Albannnach a leanabh ron bhreith.
Air an 19mh là den Ògmhios 1566 rugadh leanabh do Mhàiri ann an seòmar beag bìodach an Caisteal Dhùn Èidinn. Bha leabaidh-shiùbhla dhoirbh air a bhith aice. Bha i air tiomhadh a sgrìobhadh gun fhios nach bàsaicheadh i ann a bhith toirt an leanaibh dhan t-saoghal.
Le eagal mu shàbhailteachd a leanaibh agus mu a beatha fhèin dh'iarr Màiri seann chuimhneachan Naoimh Mhaireid a thoirt à Abaid Dhùn Phàrlainn gu Dùn Èideann. Fhad 's a bha Màiri a' strì an aghaidh cràdh na breith bha ceann an Naoimh Mhaireid na laighe air truinnsear cuimhneachan airgid ag amharc air a' bhreith – an dèidh làimhe sgrìobh an t-Athair Urramach Hay, “Tha a claigeann dùinte a-staigh ann an ceann an Deilbh Shnaidhte air a bheil crùn Airgid gealaichte, air a dhèanamh luachmhor le grunnan neamhnaidean agus Chlachan Prìseil. Bha Màiri an dòchas gun tugadh Mairead, Banrigh Chaitligeach Alba mar i fhèin, air Dia a thighinn gu bhith ga dìon agus gu bhith a’ toirt cuideachadh dhi fhèin agus da leanabh."
Mu dheireadh thall fhuair Màiri gille. Bha e air chur a-mach gur e Seumas VI na h-Alba agus Seumas I Shasainn a bha gu bhith ann dheth. Chaidh Darnley a ghairm sa bhad agus chaidh toirt air gabhail ris an leanabh mar gum b' e a mhac fhèin a bha ann. Thog Màiri an leanabh suas air beulaibh Darnley agus thuirt I, “Mo Thighearna, thug Dia mac dhutsa agus dhòmhsa nach do ghineadh le duine ach leatsa… tha mi ag iarraidh gun tog gach neach a tha seo fianais, mnathan agus eile: oir tha e na mhac agadsa gu ìre cho mòr 's gu bheil eagal orm gur ann nas miosa nì sin cùisean dha an dèidh seo.”
Rinn muinntir Dhùn Èidinn gàirdeachas ris an nàideachd gun robh Màiri air mac fhaighinn – oighre fireann do rìgh-chathair na h-Alba. Chaidh na ceudan theintean a lasadh a-muigh agus loisgeadh gunnaichean mòra Dhùn Èidinn.
Chaidh Seumas a bhaisteadh aig Caisteal Shruighlea. Chomharraicheadh sin le trì làithean de chuirmean agus de ghreadhnachas rìoghail agus taisbeanadh theintean a bha fìor mhòr.
Nuair a chuala Ealasaid I gun d' fhuair Màiri Banrigh na h-Alba gille thuislich i agus dh’èigh i, “Mo Chreach, tha Banrigh na h-Alba nas aotroime is gille brèagha aice ach tha mo fhreumhan-sa neo-thorrach.”
A bheil fios agad air gu leòr mu bheatha Buirgh ann an Sruighlea an 1566 airson ceisteachan a lìonadh agus Baisteadh Sheumais VI a fhrithealadh? Faigh a-mach san làraich eadar-oibre seo bhon BhBC.
Gabh cuairt foghlaim tro Chaisteal Dhùn Èidinn agus ionnsaich tuilleadh far far na rugadh Seumas VI an 1566.
Find us on