Scotlands History

Blàr Langside

Air an 13mh là den Chèitean 1568, rinn Màiri Banrigh na h-Alba aon oidhirp èiginneach eile an rìgh-chathair a chumail. Chuir a h-arm aghaidh air feachdan Uachdarain a’ Choitheanail fo Iarla Mhoireibh. Choinnich iad ann am batal ann am baile beag Langside a tha a-nise na phàirt de Ghlaschu.

Loisgeadh na gunnachan-mòra. Mar a bha cuid de fhir Màiri a' dol air adhart chaidh mòran a leagadh sìos le teine bho mhusgaidean. Mar a bha iad a’ tuiteam air ais chunnaic Màiri na saighdearan aice a' call am misneachd. Thuit an t-arm aice às a chèile fhad ’s a bha Iarla Mhoireibh a' toirt làn shaorsa dha na saighdearan-eich aige. Chailleadh am blàr. Cha b' urrainn do Mhàiri ach teiche còmhla riuthasan a bu mhotha a bha toirt taic dhi.

Mharcaich i à Langside gu Caolas Sholway. An dèidh làimhe sgrìobhadh Màiri:

Thàinig orm cadal air an talamh agus bainne goirt òl… agus tha mi air a bhith coltach ri na cailleachan-oidhche fad thrì oidhcheannan…

Thuirt a luchd-taice rithe gu làidir i seòladh dhan Fhraing ach rinn Màiri suas a h-inntinn tionndadh gu a co-ogha Ealasaid Shasainn airson cuideachadh. Bha Màiri an dòchas gun cuidicheadh Ealasaid i a rìgh-chathair fhaighinn air ais. Bha i a' dol a dh’fhaighinn briseadh-dùil geur. Chuireadh i seachad na h-ochd bliadhna deug a leanadh fo ghlais ann an Sasainn.


  • dealbh de chuimhneachain Blàr Langside

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.