Scotlands History

Comharran dìomhair agus Cuilbheart Bhabington

'S e duin'-uasal òg Caitligeach a bha ann an Anthony Babington a cheangail e fhèin ri cuilbheart airson cur às don Bhanrigh Phròstanach Ealasaid, agus Màiri Banrigh na h-Alba a chur air rìgh-chathair Shasainn.

Fhuair Sir Francis Walsingham, ceannard na seirbheis dhìomhair aig Ealasaid grèim air an fhear-cuilbheirt Caitligeach Gilbert Gifford agus “thug e air” a bhith na fhear-ionaid dà-fhillte. Bhiodh Gifford na eadar-mheadhanair – a' toirt litrichean a-steach gun fhios aig duine gu Màiri a bha na prìosanach an Talla Chartley.

Chaidh na litirichean air fad a thoirt do Walsingham. Bha na litrichean air an sgrìobhadh a' cleachdadh chomharran dìomhair air an robh an t-ainm “sgrìobhadh-dìomhair nomenclator.” Chaidh aig Walsingham air brìgh nan comharran dìomhair fhuasgladh. Dh’fhuirich Walsingham agus chruinnich e fianais a dhearbhadh gun robh Màiri an sàs ann an cuilbheart an aghaidh na Banrigh Ealasaid.

Air an 28mh là den Ògmhios 1585 sgrìobh Babington gu Màiri ag innse mun chuilbheart airson Ealasaid a mhurt agus Màiri a shaoradh le taic bho fhir-fòirneirt às an Spàinn.

Gabhaidh mi fhìn còmhla ri deichnear eile agus ceud dhiùbhsan tha gar leantainn oirnn do phearsa rìoghail a shaoradh bho làmhan do nàimhdean.

Airson cur às dhan bhanrigh neo-dhligheach dha nach eil e mar fhiachan oirnn a bhith ag ùmhlachadh le i bhith air a cur a-mach à  comann na h-eaglaise, tha sianar dhaoin'-uasal, iad uile nan caraidean phearsanta dhomh, a' dol a ghabhail os làimh an gnìomh brònach sin a choileanadh air sgàth na h-eud a th' aca dhan adhbhar Chaitligeach agus do sheirbheis Urramach ur Mòrachd.

Earrainn bho litir Anthony Babington gu Màiri, an t-Ògmhios 1585.

Chaidh grèim fhaighinn air freagairt Mhàiri mus  do ràinig i a ceann-uidhe agus chaidh a cur gu Walsingham. Bha i air a seulachadh le dealbh-sgrìobhaidh de chroich. Bha an fhianais a dh’fheumadh a bhith aige aig Walsingham.

Chaidh Babington agus na cuilbheartaich eile a chur an grèim, an dochann, an toirt gu cùirt, agus an dìteadh gu bhith air an crochadh, air an tarraing agus air an gearradh nan ceithir pìosan. Chaidh fianais dìtidh nan litrichean eadar Màiri agus na cuilbheartaich a thoirt chun na Banrigh Ealasaid. Cha b' fhada gus an rachadh binn bàis a thoirt a-mach air Màiri.


  • Sgrìobhadh-dìomhair cuilbheart Bhabington, 1586

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.