Scotlands History

Ciùird agus obair

Bha mòran obraichean eadar-dhealaichte ann - a' mhòr-chuid dhiubh a' dèanamh agus a' coimhead às dèidh rudan a dh'fheumadh daoine bho latha gu latha. Bha bèiceirean, gobhaichean, buidsearan agus snìomhadairean ann. Bha seirbhisean air an toirt seachad le feadhainn eile. Bha clàrcan ann a b' urrainn leughadh agus sgrìobhadh agus seinneadairean a bha nan luchd-ciùil.

Bha ciùird eile ann cuideachd. Bha ceimigearean a' dèanamh agus a' reic chungaidhean-leighis. Bha borbairean a' gearradh an fhuilt agus cuideachd ri obair-lannsa agus a' tarraing na fala. Bha greusaiche ann a bhiodh a' càradh bhròg. Bha fir-mhuc ann a' coimhead às dèidh threudan mhuc. Bha fleidsear ann a' dèanamh shaigheadan agus cùbair a' dèanamh bharaillean. Bha fear nam bonaid a' dèanamh bhonaidean agus buidsearan ag ullachadh agus a' reic na feòla.

Bhiodh daoine tric a' cleachdadh ainm a' chiùrd aca mar shloinneadh. Tha sin a' toirt dhuinn ainmean mar Bèicear, Wright, Mac a' Ghobhainn.

Airson obair sgileil sam bith a dhèanamh dh'fheumadh daoine a dhol còmhla ri buidheann luchd-ciùird mar luchd-ionnsachaidh airson gun ionnsaicheadh iad a' cheàrd aca agus an uair sin obair a dhèanamh ach am biodh còir aca an obair sin a choileanadh air an ceann fhèin.

Bha an “comharraidhean chlachair” fhèin aig  na clachairean airson gum biodh soidhne air an obair aca fhèin. Gheibh thu na comharraidhean sin fhathast ann an eaglaisean agus ann an abaidean.


  • Greusaiche na meadhan-aoisean
  • Glèidheadair-sheillean na meadhan-aoisean

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.