English
'S e Trannsa Shoutra na tha air fhàgail den ospadal bu mhotha ann an Alba anns na meadhan-aoisean, Mòr-thogalach Taigh na Trianaid Naoimh, anns an robh friaraidh cuideachd.
Thathar ag ràdh gur e Calum a' Mhaighdeann a stèidhich e ann an 1164 agus gun robh e air a ruith le manaich a bhuineadh do Òrdugh Augustine. Bha e air a thogail air a' phrìomh-shlighe eadar Dùn Èideann agus na Crìochan agus rinn seo cinnteach gun robh cliù farsainge aige.
Thug cladhach arc-eòlaichean aig Soutra sealladh dhuinn air mar a bha an t-ospadal meadhan-aoiseil ag obair. Dh'fhaodadh a' chladhach a bhith cunnartach oir bha sluic anns an làraich far an robh sgudal meidigeach air a thiodhlacadh.
Lorgadh lusan agus luibhean a bhiodh air an cleachdadh nan cungaidhean-leighis, mar bha iteodha, eanban dubh agus crom-lus òpium (a dh’fheumte a thoirt a-steach gu Alba).
Find us on