Scotlands History

Na Seachd Peacaidhean Marbhtach

Tha na prìomh pheacaidhean - peacaidhean marbhtach - air an cleachdadh bho faisg air toiseach amannan tràtha a' Chreideimh Chrìosdail, airson teagasg a thoirt, agus rian a chumail air beatha nan creidmheach. Chuir an eaglais Chaitligeach dealachadh eadar peacaidhean ‘marbhtach’ agus peacaidhean ‘beaga’.

Bha na peacaidhean marbhtach, nam beachd-san, a' toirt gràs air falbh agus a' fàgail a' pheacaich caillte gu sìorraidh, mur biodh iad air aideachadh agus air mathanas air fhaighinn. Bha na peacaidhean beaga air am mathadh dìreach le bhith a' dol gu na seirbhisean a dh'adhradh.

Bha dòighean eadar-dhealaichte aca airson gum biodh eòlas air na peacaidhean bu mhiosa air a chuimhneachadh dhaoine. B' e aon dòigh a bhith a' cleachdadh a' chuimhneachain: SALIGIA.  Ann an Laideann bha na seachd peacaidhean a' tòiseachadh le na seachd litrichean sin: Superbia (Pròis), Avaritia (Sannt), Luxuria (Ana-caitheamh), Invidia (Farmad), Gula (Geòcaireachd), Ira (Fearg) agus Acedia (Leisg).

Tro thìde dh'atharraich cùisean beagan agus a-nis tha an liost air a sgrìobhadh san Leabhar Cheist Chaitligich.


  • Snaigheadh cloiche co-cheangailte ri Na Seachd Peacaidhean Marbhtach ann an Caibeal Ròis Lìnn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.