English
Dhà no trì mhìltean deas air Dùn Èideann, ann am Meadhan Lodainn, tha Caibeal Ròis Lìnn, Eaglais Cholaiste an Naoimh Mhata, a thogadh anns an 15mh linn.
Tha an caibeal sònraichte. Tha mìltean de chlachan le snaigheadh bho na meadhan-aoisean ann; dràgoinn, daoine uaine, unicornan, gargoilean, leòmhainn, griofonnan, eadhan ailbhean, càmhal agus muncaidh. 'S e creutairean annasach agus eagalach tha annta air am faighinn ann an obraichean bheathaichean anns na meadhan-aoisean.
Tha caibeal Ròis Lìnn ag innse dhuinn dè bha daoine a' creidsinn bho chionn 500 bliadhna. Gheibh thu Beul Ifrinn, bho na meadhan-aoisean, dealbh de na 'Seachd Peacaidhean Marbhtach’, ainglean, deamhainnean, naoimh, peacaich, ridirean, rìghrean, banrighrean agus feachd nèamhaidh de luchd-ciùil.
Bha colbhan agus boghan air an lìonadh le duilleagan, croinn-fhìona, measan agus flùraichean. Air a' chloich anns a' mhullach tha achadh de rionnagan, a' ghrian agus cearcall gealaich.
Chaidh an caibeal a thogail dha Uilleam Mac Na Ceàrdaich, treas Iarla Arcaibh agus Baran Ròis Lìnn. B' e fear-ionaid Alba anns an Fhraing agus phòs e Ealasaid Dhùghlas, nighean Diùc Thouraine. 'S e Caitligich làidir bha annta a bha ag iarraigh caibeal a thogail far am b' urrainn dhaibh a bhith ag adhradh agus far am biodh iad air an tiodhlacadh aig a' cheann thall agus an t-sìorraidheachd a chur seachad gu Latha a' Bhreathanais.
Chaidh ionnsaigh a thoirt air an t-caibeal le buidheann de Phròstanaich aig àm Ath-leasachaidh Alba. Mu dheireadh bha an caibeal gun fheum. Am-measg an fheadhainn a thadhail air làrach Caibeal Ròis Lìnn bha Raibeart Burns, Sir Ualtar Scott, Seumas Bosuell, Dr. Seumas MacIain, Uilleam Wordsworth, agus a phiuthar Dorothy agus a' Bhanrigh Bhictòria.
Find us on