English
Anns na meadhan-aoisean bha creideamh cudthromach ann am beatha làitheil nan daoine. Bha cuid, mar bha na manaich agus na cailleachan-dhubha, a' toirt am beatha gu lèir do Dhia agus cuid eile gun inbhe ag obair anns na manachainnean agus ann an taighean nan cailleachan dhubha. Bha àrd-eaglaisean, seapail, eaglaisean-cholaiste, togalaichean-mhanach, àitean-coisrigte, altairean, tobraichean-naomha, cuimhneachain creideimh, clachan croise le snaigheadh, agus cladhan ann an Alba.
Bha fir agus mnathan a' fàgail am beatha làitheil airson a dhol gu Cogaidhean na Croise no a dhol air an rathad mar eilthirich eilthirich. Bha daoine a' creidsinn anns an diabhal agus na h-obraichean aige agus bha fìor eagal orra ro ifrinn.
Bha a' bhliadhna air a roinn le sreath de fhèillean, làithean-fèille airson nan naomh agus làithean naomha. B' e an t-Abstol Crìosdail an Naomh Anndra naomh na h-Alba agus b' e an Naomh Centigern, no an Naomh Mungo naomh Ghlaschu. Bha ceudan de làithean sonraichte airson nan naomh air an cumail ann an Alba.
Bha seirbhisean eaglaise air an cumail ann an Laideann. Bha clachan air an snaigheadh, croisean de fhiodh air sgàilean, dealbhan air a' bhalla agus bratan-ghrèise air an cleachdadh airson sgeulachdan a' Bhìobaill a thoirt beò. Bha an triùir dhraoidhean air an sealltainn mar rìghrean bho na meadhan-aoisean. Bha sgeulachdan mu pheacaich, pargadair agus sgeulachdan na Càisge a' faighinn àite ann an dealbhan-chluiche anns na meadhan-aoisean. Bha buidhnean-ciùird a' toirt airgead dha sgeulachdan eadar-dhealaichte a bha freagarrach airson nan ciùird aca fhèin.
Bha ionadan Crìosdail air an togail air àitean bha naomh roimhe sin. Bha tobraichean naomha aig na pàganaich air an atharrachadh gu tobraichean naomha bha air an coisrigeadh do Mhuire no do naomh a bhuineadh don àite. Ann an cuid de àitean bha seann thursachan ann am ballachan eaglaisean agus sheapail. Bha fèillean, ro-Crìosdail, mar a bha Samhainn, air an atharrachadh agus air an cumail le na Caitligich mar Oidhche Shamhna.
Anns na meadhan-aoisean, bha làraichean Crìosdail, bha ann roimhe seo, air an leudachadh agus air an ath-thogail mar a bha coimhearsnachdan anns na manachainnean a' fàs beairteach le malairt na clòimhe agus le luchd-taice uasal a bha a' dèanamh àite dhaibh fhèin ann an nèamh leis na bha iad a' toirt seachad don eaglais.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri ‘Vir Perfecte’, pìos de cheòl eaglaise meadhan-aoiseil air atharrachadh gu bhith ga chluiche air clàrsach aon-neach, no clàrsach bheag. Chaidh am pìos seo a sgrìobhadh san 13mh linn mar mholadh air an Naomh Anndra.
Tha an cumadh coimpiutair eadar-oibre seo a’ sealltainn nan caochladh phàirtean de abaid chumanta.
Thoir sùil tro thaghadh de sheallaidhean ’s de dhaoine sgriobtarail mar ìomhaighean beaga ealain agus am bunan.
Tha làraich shocair Abaid Dhun Dhreanain a’ dol air ais faisg air ochd ceud bliadhna. Tha turas an seo na fhianais ’s na bhrosnachadh airson ionnsachadh mu Alba meadhan-aoiseil.
Tha nithean am broinn Caisteal Eilginn agus sa chladh nam fianais mòr air beatha làitheil is eaglaise bho na meadhan-aoisean.
Tha Abaid Mheall Rois air an fheadhainn as bòidhche an Alba. Chan aithnichear bho a suidheachadh shìtheil aig bonn Bheanntan Eildoin gun thachair nithean eagalach an seo.
Is iad abaidean Alba feadhainn de ar togalaichean as sine. Tha an stòras clas seo a’ sealltainn ri abaidean ’s ri manachannainean Alba ’s ri na daoine a bha a’ fuireach ’s ag obair annta.
Find us on