Scotlands History

Eilthirich

'S e eilthireach neach a thèid air turas airson soillseachadh cràbhach spioraid no creideimh pearsanta a lorg.

Bha seo a' tachairt na bu trice anns na meadhan-aoisean na tha e an-diugh. Mar bu trice bha dol air chuairt mar seo a' ciallachadh a bhith a' fàgail na dachaigh, an teaghlaich, chàirdean agus do chuid air chùl agus a’ dol air chuairt gu àite sonraichte mar Ierusalem neo Santiago de Compostela, no gus an cuireadh Freasdal thugad soillseachadh. Bha a bhith air allaban bho àite gu àite mar seo a' cuideachadh le bhith a' sgaoileadh a' Chreideimh Chrìosdail agus le mòran de na h-abaidean a tha ann an-diugh a stèidheachadh.

Bha eilthireachd uaireannan a' faighinn taic bho uaislean aig an robh cumhachd. Ann an Alba phàigh a' Bhanrigh Mairead airson gu faigheadh eilthirich an-asgaidh air an aiseag a bheireadh sàbhailt iad tarsainn air Linne Fhoirthe gu Cill Rìmhinn. Gus an latha an-diugh tha Queensferry a Tuath ann am Fiobha agus Queensferry ann an Lodainn air an ainmeachadh air sgàth mar a bha Mairead a' cuideachadh nan eilthireach a bha a' dol tarsainn. Bhiodh na h-eilthirich a' fuaigheal bhràistean-eilthireach luaidhe air an aodach mar chuimhneachain agus airson gum biodh Naomh gan dìon.


  • Suaicheantas eilthireach

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.