Scotlands History

Ceòl agus romansan

Tràth anns na meadhan-aoisean bha ceòl gu math sìmplidh. Bha aon phong ga cluich aig aon àm air mòran sheòrsachan de ionnsramaidean. Às dèidh sin, anns an 12mh linn, thàinig co-cheòl agus eadar-dhealachadh ann am fad nam pong a-steach. Bha ionnsramaidean le sreangan ann anns na meadhan-aoisean, mar bha rebec, saltair, dulcimer agus urdie-gurdie. Bha ionnsramaidean gaoithe air an cleachdadh - bha adhaircean iongantach mar adharc-chrum, adharc-ghem agus liosard.

Bha ceòl air a chluich le luchd-ciùil bhiodh a' dol bho àite gu àite, no le seinneadairean a bha ann an seirbheis neach-taice. Chì thu clachan-snaighte de luchd-ciùil ann an Abaid Mhaoil Rois agus Lùchairt Linlithgo.

Anns na làithean sin b' iad romansan na nobhailean mòra. Bha sgeulachdan làn de rudan iongantach agus gaisge, rosg no bàrdachd, le na rudan gaisgeil a dhèanadh ridire a' toirt toileachais don leughadair.

Bha romansan ann bha tlachdmhor, le Rìgh Artair agus gnìomhan Ridirean a' Bhùird Chruinn cumanta. Gheibh thu ‘The Buik of Alexander’ agus ‘Golagros andGawane’ am measg nan romansan anns na meadhan-aoisean.


  • Cluicheadair ceòl na meadhan-aoisean

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ri ‘Duble Estampie’, fonn Sasannach bho 1320, ga chluiche an seo air an reacòrdair agus an giotairn le bualadh.